Main content
Sorry, this episode is not currently available

03/04/2015

Beachdan chloinne, ceòl agus spòrs gu leòr còmhla ri Shona Nic a' Phiocair. Children's fun, features and music with Shona MacVicar.

57 minutes

Last on

Sat 4 Apr 2015 12:03

Comharran-leabhair

Airson comharran-leabhair rabaid a dhèanamh, feumaidh sibh:


°äè¾±²õ
Siosar
Cairt phinc (no peann pinc)
Peann dubh
Glaodh


Dh’fhaodadh sibh cuideachd:


Sùilean googly
pom poms


1. An toiseach, feumaidh sibh triantan a’ gheàrradh a-mach às a’ chèis, a’ fagail ceart-cheàrnag sa mheadhan airson na fiaclan.
2. A’ cleachdadh an còrr dhen chèis, geàrr a-mach cluasan.
3. Cleachd a’ chairt phinc airson taobh a-staigh nan cluasan, no dh’fhaodadh tu am peann pinc a’ chleachdadh.
4. Geàrr a-mach ceàrnag den chairt phinc agus cleachd glaodh airson sròn a chuir air an rabaid no faodaidh sibh pom pom a chleachdadh ma tha iad agaibh. 
5. Cleachd am peann dubh, no sùilean googly ma tha iad agaibh, airson sùilean a chuir air an rabaid.
6. Cleachd am peann dubh cuideachd airson beul, fiaclan agus ciabhagan no whiskers a’ dhealbh air.
7. Leis a’ ghlaodh, cuir na cluasan air oir na triantan.
8. Faigh an leabhar as fheàrr leat agus cleachd an rabaid airson d’ àite a chumail san leabhar.

Isean na Càisge

Airson isean a dhèanamh, feumaidh sibh:


Truinnsear pàipear
Peant buidhe
Iteagan dathte
Cairt orainds
Sùilean googly
Teip steigeach
Glaodh
Sreang


1. Cleachd am peant buidhe airson an truinnsear pàipear a chòmhdach agus fàg e gus am bi e tioram.
2. Geàrr cruth daoimean a-mach às a’ chairt orainds agus nuair a tha am peant tioram, glaodh an daoimean ann am meadhan na truinnsear airson an gob.
3. Geàrr dà cheart-ceàrnag agus dà chas circe a-mach às a’ chairt orainds. Paisg na ceart-cheàrnagan mar meadhan bogsa-ciùil agus cleachd teip steigeach airson na casan aig bonn na truinnsear. Cleachd glaodh airson ceann nan casan a chuir aig bonn nan casan.
4. Cleachd an teip steigeach airson dà ite a chuir air gach taobh den isean.
5. Cuir na sùilean googly air.
6. Ma chleachdas sibh pìos beag sreang air cùl na truinnsear le teip steigeach 's urrainn dhuibh an t-isean a chrochadh suas.

Broadcasts

  • Fri 3 Apr 2015 14:03
  • Sat 4 Apr 2015 12:03