Main content

Episode 2

Episode 2 of 30

John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Bidh Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain agus a' cluinntinn mun roghainn-ciùil. Bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair agus bidh fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba sa phrògram.

Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. Each week he meets up with a learner to find out about their learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and 91Èȱ¬ archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.

1 hour

Last on

Sun 17 Jan 2021 10:30

Tar-sgrìobhadh: Prògram Choinnich le Murchadh Peutan

Pàirt 1


Murchadh Peutan: DNA, ’s e stuth uabhasach, uabhasach cudromach a tha seo. Saoilidh mise gur e stuth bunaiteach a th’ ann airson rudan a tha beò. Agus, fhios agad, ged a tha, ged a ’s e molecule uabhasach toinnte a th’ ann agus doirbh is mòr, chan eil ach beagan eileamaidean ann. Carbon, hydrogen, oxygen, nitrogen agus phosphorous. Ach, tha DNA anns a h-uile rud a tha beò oir ’s e tha a’ toirt dhuinn an comas copy a dhèanamh dhuinn fhìn. Tha, sin a tha a’ dèanamh an eadar-dhealachadh eadar rudan a tha beò is rudan nach eil beò. Tha rudan a tha beò comasach air copy a dhèanamh dhaibh fhèin.


Coinneach MacÌomhair: Na genes againn ma-thà a-rithist air an dèanamh suas le DNA?


Murchadh Peutan: Tha gu dearbha. Agus na genes, na ginean, ’s e sin a tha a’ toirt dhuinn ar coltas agus ’s e sin a tha a’ dèanamh cinnteach gu bheil ar bodhaig ag obrachadh mar a bu chòir dha. Agus ’s e seo a tha a’ dèanamh a h-uile duine againn eadar-dhealaichte oir tha sinn a’ faighinn dàrna leth na ginean againn is dàrna leth an DNA againn bho gach pàrant, agus mar sin, ged is ’s e copy a th’ unnainne dhe ar pàrantan, tha sinn eadar-dhealaichte. Agus, ’s e smuain a th’ ann gu bheil DNA, ged a tha a’ mhòr-chuid dhen DNA agamsa agus agadsa is aig a h-uile duine eile co-ionann anns a h-uile dòigh, chan eil ach 0.1% dheth eadar-dhealaichte. Ach, tha an t-eadar-dhealachadh a tha seo cho cudromach, tha e a’ toirt dhuinn an comas a bhith eadar-dhealaichte agus fa-leth.


Coinneach MacÌomhair: ’S e smuain a tha sin nach eil ach puing a h-aon percent eadar-dhealachadh eadar mise agus tusa.


Murchadh Peutan: Sin agad e. Agus gu bheil sin a’ toirt do mhac-an-duine an comas, a bheil fhios agad, cha do sheas duine riamh air an talamh a tha seo a bha co-ionann agus coltach riutsa neo riumsa anns a h-uile dòigh, agus g’ e bith dè cho fad ’s a mhaireas an t-saoghal, cha sheas gu bràth tuilleadh, duine air uachdar na talmhainn a tha dìreach co-ionann agus coltach rinne anns a h-uile dòigh.

Ìý

Pàirt 2


Murchadh Peutan: Tha mòran dhen a’ bheachd gur e sin am pìos saidheans a bu chudromaiche anns an fhicheadamh linn uile gu lèir, gun do rannsaich iad a-mach structair an DNA. Agus, tha structair a tha sin ann an dòigh ga chur caran sìmplidh, tha e coltach ri, ma smaoineachas tu air àradh. Tha àradh air a dhèanamh le dà phìos mhòr fada maide air gach taobh, agus tha iad sin air an ceangal ri chèile le maidean tarsainn. Agus sin an seòrsa structair bunaiteach a th’ aig DNA, ach dìreach gu bheil an structair sin an uair sin car air a chur ann neo toinneamh air a chur ann. Ma smaoineachas tu air ’s dòcha àradh air a dhèanamh à rubber, agus grèim fhaighinn air an dà cheann, agus toinneamh a chur ann.


Coinneach MacÃŒomhair: Agus gu bheil sin anns a h-uile cealla a tha anns a h-uile duine air feadh an t-saoghail.


Murchadh Peutan: Tha gu dearbha, agus ’s e rud a tha eadar-dhealaichte anns an structair a tha seo, na maidean tarsainn ma dh’fhaodas mi a chur mar sin.


Coinneach MacÃŒomhair: Na rangan mar a chanadh sinne.


Murchadh Peutan: Na rangan, dìreach. Agus, ’s e sin a tha a’ tachairt nuair a tha daoine a’ rannsachadh còd DNA aig gach neach. Tha iad mar gum biodh a’ briseadh an structair a tha seo agus a’ coimhead air na rangan, na maideanan tarsainn, agus tha iad eadar-dhealaichte na rangan a tha seo, agus ’s e an òrdugh anns a bheil iad, ’s e sin a tha gar dèanamh eadar-dhealaichte.

Tar-sgrìobhadh: Feasgar le Marion NicLeòid

Marion: An toiseach, gu dearbh cha robh e air a shon, ach aon uair ’s gun do thachair, fhios agad, bidh iad an-còmhnaidh a’ cur rud ma do choinneimh gus nach fhaic thu dè seòrsa rud a tha iad a’ dèanamh.


Cathy: Bidh, bidh.


Marion: Bha mise ag ràdh ris gun robh mi airson sin a thogail air falbh ach am faicinn dè seòrsa rud a bha e a’ dèanamh. Agus, "Inns’ thu dhomh" thuirt e, "A bheil thu airson gum bruidhinn mi ris a h-uile càil a tha mi a’ dèanamh?" is thuirt mi, "Uill, chòrdadh sin rium glè mhath." Agus, abair thusa gun e rud mìorbhaileach a bh’ ann. Chuir e mar gum biodh beagan de sgàthan os mo chionn, agus bha mi a’ faicinn a h-uile càil a bha nam bhroinn, is bha mi ag ràdh ris, uill thuirt e, "A bheil thu a’ faireachdainn càil?" is thuirt mi, "Mar gum biodh tu ag obair ann an handbag!"


Cathy: Cha b’ urrainn dhut a chur na b’ fheàrr!


Marion: Agus bha e ag obair le làmhan sìos is suas, a-null ’s a-nall.

Ìý
Cathy: Is cha robh thu a’ faireachdainn càil?


Marion: Ged a bha mi ga fhaireachdainn ga dhèanamh, cha robh faireachdainn sam bith agam gun robh cràdh neo càil eile ann neo pian sam bith. Ach, thuirt e rium, bha e ag ràdh rium, thuirt e, "Cha bhi mi ach a’ toirt cairteil na h-uarach a’ dol a-steach", ach bheir mi beagan is uair a thìde tighinn a-mach, is bha e mìorbhaileach mar a bha e ga dhèanamh agus na rudan a bha e a’ cur na àite fhèin. ‘S e an rud a b’ fheàrr a chunnaic mi agus a chaidh mi roimhe riamh.


Cathy: Seo a-nis.


Marion: Agus bha e uabhasach fhèin inntinneach, agus tha mi a’ smaoineachadh gun robh an duine bochd agam, gun robh e a’ coimhead air an làr fad an t-siubhal gun d’ thuirt e rium, "Uill", ars esan, "ann am...beagan ann am mionaid eile", thuirt e, "bidh leanabh agad air a bhreith", is bha iad a’ cur .. mar a bha iad a ràdh.. "Saoil an e balach neo nighean a bhios ann?" Bha mise ag ràdh, "Uill, tha mi an dòchas gun e nighean a bhios ann às dèidh a h-uile càil a tha seo!" Bha balach air a bhith agam, agus gu cinnteach, ’s e nighean a bh’ ann. Agus oh, abair thusa gun do las na sùilean aige an uair sin.


Cathy: Aww, an toileachas!


Marion: Le toileachas, is gun robh i alright, is bha iad a’ falbh leatha an uair sin, bha iad an uair sin a’ tilleadh leatha, is bha i cho glas a’ tighinn a-mach. Bha e uabhasach inntinneach nuair a chitheadh tu iad air am breith. Bha iad glas, dorcha gun tòisich iad, fhios agad, a’ cur mar a chanas iad an oxygen timcheall, agus bha i an uair sin cho pinc, is chluinneadh tu an uair sin rànach, is bha i uabhasach fhèin math, agus mi a’ faicinn a h-uile càil a bha e a’ dèanamh. Bha e uabhasach fhèin, an rud a b’ fheàrr tha mi a’ smaoineachadh a rinn mi riamh.

Oisean a’ Ghràmair 2: Òrdugh nam facal

Feumaidh mi seo a dhèanamh.ÌýÌý ÌýÌýÌýÌýÌý ÌýÌýÌýÌý ‘I must do this.’
Feumaidh mi leabaidh ùr a cheannach.Ìý‘I must buy a new bed.’
Tha mi ag iarraidh an càr a reic.ÌýÌý ÌýÌý‘I want to sell the car.’
Bu chòir dhut an leabhar seo a leughadh.Ìý‘You ought to read this book.’
Tha thìde agad an cidsin a ghlanadh.ÌýÌýÌýÌýÌý‘It’s high time you cleaned the kitchen (‘to clean the kitchen’).’
Dh’innis iad dhomh a’ chiad trèana a ghabhail.Ìý ‘They told me to take the first train.’
Cha bhiodh e glic am bùrn seo òl.ÌýÌý ÌýÌý‘It wouldn’t be wise to drink this water.’
Dh’iarr mi orra an doras fhosgladh.Ìý ÌýÌý‘I asked them to open the door.’
Bu mhath leam am manaidsear fhaicinn. ÌýÌý‘I’d like to see the manager.’Ìý


Thoiribh an aire:


a dhèanamh, a cheannach, a reic, a leughadh, a ghlanadh, a ghabhailÌýÌý
Ach: òl, fhosgladh, fhaicinnÌýÌý (a/e/i/o/uÌýÌý noÌýÌý fha / fhe / fhi / fho / fhu)Ìý


Tha mi air… (‘I have done/bought/sold’, etc.)


Tha mi airÌýÌý leabaidh ùr a cheannach.Ìý Ìý‘I’ve bought a new bed’.
Tha mi airÌýÌý mo chàr a reic.Ìý ÌýÌý‘I’ve sold my car.’
Tha mi airÌýÌý an cidsin a ghlanadh.Ìý Ìý‘I’ve cleaned the kitchen.’Ìý
Tha mi airÌýÌý an leabhar seo a leughadh. ‘I’ve read this book.’


TRÌ PUINGEAN EILE:

1) Airson seantansan mar ‘I must sell it’, ‘They ought to help you’, ‘I’d like to see her’, cleachdar mo, do, a, etc.:

Feumaidh mi a reic.
Bu chòir dhaibh do chuideachadh.
Bu mhath leam a faicinn.
Faicibh Sreath 1, Prògram 10 (Puing 1).


2) Airson seantans le a’ dol a (‘I’m going to sell the car’, ‘I was going to clean the kitchen’), cha bhi òrdugh nam facal ag atharrachadh idir:

Tha mi a’ dol a reic a’ chàir.
Bha mi a’ dol a ghlanadh a’ chidsin.
Faicibh Sreath 1, Prògram 6 (Puing 2).


3) Ma tha roimhear (preposition) anns an abairt – mar eisimpleir bruidhinn ri, è¾±²õ³Ù±ð²¹³¦³ó»å ri, tachairt ri – cha bhi òrdugh nam facal ag atharrachadh idir.

Mar sin:

Tha mi ag iarraidh am manaidsear fhaicinn. ‘I want to see the manager.’
ACH
Tha mi ag iarraidh bruidhinn ris a’ mhanaidsear. ‘I want to speak to the manager.’


Chan urrainn dhomh an ceòl a chluinntinn.Ìý ‘I can’t hear the music.’
ACH
Chan urrainn dhomh è¾±²õ³Ù±ð²¹³¦³ó»å ris a’ cheòl.ÌýÌý ‘I can’t listen to the music.’


Cha robh dùil agam Mgr Clooney fhaicinn.ÌýÌý ‘I didn’t expect to see Mr Clooney.’
ACH
Cha robh dùil agam tachairt ri Mgr Clooney. ‘I didn’t expect to meet (with) Mr Clooney.’

Abairt na Seachdain

Bàthaidh toll beag long mhòr.

Broadcasts

  • Sun 29 Mar 2015 21:30
  • Wed 1 Apr 2015 12:03
  • Wed 1 Apr 2015 22:00
  • Sun 5 Apr 2015 10:30
  • Sun 12 Jul 2015 21:29
  • Wed 15 Jul 2015 12:00
  • Wed 15 Jul 2015 22:00
  • Sun 19 Jul 2015 10:31
  • Sun 10 Jan 2021 21:30
  • Wed 13 Jan 2021 12:00
  • Wed 13 Jan 2021 22:00
  • Sun 17 Jan 2021 10:30

Podcast