Main content
Sorry, this episode is not currently available

An-diugh dè na cunnartan a tha an cois cus flouride anns an uisge a tha sinn ag òl? What are the dangers of too much fluoride in drinking water?

An-diugh tha an t-eòlaiche saidheans Murchadh Peutan a mìneachadh dè na cunnartan a tha an cois cus flouride anns an uisge a tha sinn ag òl?

Tha mac Daibhaidh Beckham air tòiseachadh ag obair ann an cafaidh agus tha Jamie Oliver air a radh gu bheil dùil aige a chlann-nighean aige fhèin a bhrosnachadh gus obraichean fhaighinn nuair a tha iad beagan nas sine. Air rèir rannsachadh a rinn sgioba à oilthigh Essex chaneil deugairean a tha ag obair fhad's a tha iad anns an sgoil a' dèanamh cho math anns na deuchainnean GCSE aca. Saoil a bheil seo fior?

Chan urrainn dhuinn còmhradh mu chuspair a' bhàis a sheachnadh aig deireadh chùisean ged a tha sinn tric ga chuir gu cùl ar 'n inntinn, cuid againn co-dhiù. Ach aig àm air choireigin feumaidh sinn smaoineachadh air an dearbh rud a dh'aindeoin's a' ghràinn. Cluinnidh sinn ciamar a tha cuid a' dèiligeadh leis a' chuspair a thaobh deiseileachadh ghnothaichean ionmhais, dachaigh, talamh agus fiù càite no ciamar thèid ar tiodhlacadh.

Agus tha Gilleasbuig Fearghasdan agus an t-Urramach Dòmhnall Mhìcheil MacAonghais air a bhith a' coimhead an drama The Ark a bha air 91Èȱ¬ a h-aon an-raoir. Dàn-mòr ag innse sgeulachd Nòah, le bhith measgachadh eileimeidean às a Bhìoball agus an Qur'an airson sgeulachd uile-choitcheann innse mu chreideamh agus gaol. bbc.co.uk/feasgar.

57 minutes

Last on

Tue 31 Mar 2015 21:03

Broadcasts

  • Tue 31 Mar 2015 09:03
  • Tue 31 Mar 2015 21:03