26/03/2015
An-diugh cluinnidh sinn bho thriùir a tha a' fulung leis an tinnneas tuiteamach. Personal accounts from three people who suffer from epilepsy.
An-diugh tha sinn a' comharrachadh Là tha Purpaidh, là tha sònracihte a tha a' bhuidheann Tinneas Tuiteamas Alba air a chuir air dòigh gus aire dhaoine a thogail dhan tinneas. Tha Janice Ann NicAoidh, Mòrag NicAoidh agus Aonghas MacIllinnein leis na sgeulachdan pearsannta aca fhèin mun tinneas seo.
Tha Linda NicLeòid agus Michelle NicDhòmhnaill a' toirt am beachdan air a' phrògram telebhisean The Wonderful World of Blood le Michael Mosley a tha ri fhaicinn a-nochd aig naoi uairean air 91Èȱ¬ 4.
Tha Seonag Nic a' Ghobhainn air ais anns a' chidsin agus an t-seachdain 'sa tha i a' còcaireachd Orzo le Glasraich Ròsta agus Sliosagan Blueberry Chuasbach. Chì sibh na reasabaidhean aig Seonag air-loidhne. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Na reasabaidhean aig Seonag Nic a' Ghobhainn
Orzo le glasraich ròsta
Gritheidean:
½ phunnd Orzo
1 phiobar dearg air a ghearradh
1 phiobar buidhe air a ghearradh
2 chupa butternut squash air a ghearradh
1 uinnean air a ghearradh gu mìn
2 phìos creamh air a bhrùthadh
Salann agus piobair
2 spà in mhòr ola a' chroinn-ola
Cuir na glasraich ann an tiona ròstaidh agus crath beagan salann, piobair agus beagan ola a' chroinn-ola thairis orra. Ròst ann an à mhainn theth (200C) airson 30-40 mionaid. Bi faiceallach nach loisg iad.
Bruich an orzo ann an uisge goileach saillte airson 7-9 mionaidean gus am fàs e bog. Thoir far an teas e, traogh an uisge bhuaithe agus cuir ann am bòbhla mòr e. Tilg na glasraich ròsta dhan bhobhla cuideachd agus measgaich.
Dèan annlann le sùgh aon liomaid mhòr,Ìý 2-3 spà inean mòra de dh’ola a' chroinn-ola, salann agus piobair agus measgaich sa bhobhla an cois a chòrr de na gritheidean.
Faodaidh tu pacaid de chà ise feta agus uinneanan-earraich a ghearradh suas agus a mheasgachadh a-steach dhan bhobhla cuideachd ma tha thu ag iarraidh.
Leig leis a h-uile cà il fuarachadh anns an rùm.
Ìý
Sliosagan blueberry chruasbach
5 unnsa bleideagan almonoin
10 unnsa flùr lom
3½ unnsa siùcar castoir
Crathadh beag salainn
7 unnsa ìm
½ - 1 chrogan silidh blueberry
1 phacaid 150g blueberries
Siùcar còmhdachaidh airson sgeadachadh
Teasaich an à mhain gu 180C/ Gas4.
Cuir 3½ unnsa almoin, flùr, siùcar castoir agus salann am broinn gnìomh inneal bìdh agus measgaich gu math gus a bheil a h-uile cà il gu math mìn.
Cuir an t-ìm a-steach cuideachd agus measgaich gus an tig na gritheidean còmhla mar pastraidh.
Cùm 100g den mheasgachadh gu aon taobh agus cuir an còrr air treidhe bèicearachd mu 7 x 11 òirleach a mheud air a lìnigeadh le pà ipear.
Liacraich an silidh air uachdar a’ mheasgachaidh anns an treidhe.
Sgap na blueberries air uachdar sin.
Measgaich an còrr de na almonoin agus an 100g den mheasgachadh a chuir thu gu aon taobh còmhla agus sgap sin air uachdar na blueberries.
Cuir an treidhe dhan à mhainn airson mu 45 mionaid gus a bheil e a’ coimhead donn.
Leig leis fuarachadh anns an tiona.
Faodar anÌýithe blà th le beagan uachdar no a ghearradh na phìosan beaga agus ithe le cupan teatha.
Ìý
Ìý
Broadcast
- Thu 26 Mar 2015 12:3391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal