Main content
Còmhla ri Iain Moireasdan
Spòrs ionadail, nà iseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Iain Moireasdan. Local, national and international sport presented by John Morrison.
Iain Moireasdan aig Farpais Teanas Cupa Davis aig na Emirates ann an Glaschu eadar sgiobaidhean GB agus USA. Sùil air ball-coise agus geamannan cairteal cuairtean deireannach Cupa na h-Alba rin cluiche; rugbaidh le geamannan Pro12 thairis air an deireadh sheachdain agus seasan ùr na h-iomain a' tòiseachadh Disathairne cuideachd.
Last on
Sat 7 Mar 2015
09:03
91Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
More episodes
Previous
Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley
Tà mailteach ach feumaidh mi a rà dh nach eil an aithisg as ùire mu dhrugaichean ann an spòrs baidhsagal a’ cuir iongnadh sam bith orm. Ma bha daoine a' smaointinn gun toireadh na thachair le Lance Armstrong cruth-atharrachadh air an spòrs, tha iad air am mòr mhealladh a rèir na h-aithisg seo bho bhuidheann riaghlaidh an spòrs an UCI a tha a' co-dhùnadh gu bheil farpaisich dìreach air fà s nas seòlta san dòigh sa bheil iad a’ faighinn timcheall air na riaghailtean.Â
Tha fianais aon phroifeiseantach, nach eil air ainmeachadh, a' leum far na duilleig ’s e ag rà dh gu bheil "90% dhen pheleton fhathast a’ dopadh." Tha fianais san aithisg bho feadhainn eile a tha ag rà dh nach eil cho dona sin, ach gu draghail chan eil duine dhen fheadhainn a thug fianais seachad a’ dol à s à icheadh nach eil a mhòr-chuid fhathast a’ briseadh nan riaghailtean. Nas miosa buileach tha an aithisg cuideachd a’ co-dhùnadh gu bheil dopadh a’ fà s nas miosa aig ìre amaitear agus an luib boireannaich san spòrs.Â
Dè a ghabhas dèanamh? Gu follaiseach feumar atharrachadh a thoirt air an riaghailt a tha ag rà dh nach fhaodar deuchainn dhrugaichean a dhèanamh tron oidhche oir faodaidh tu rudan a chur dhan fhuil aig sia uairean feasgar nach bi ann aig sia uairean sa mhadainn an ath latha. Far an robh feadhainn a’ gabhail dòsaichean nas motha de stuthan leithid EPO roimhe tha luchd-cleachdaidh a-nis nas seòlta le dòsaichean nas lugha ach nas trice nach eil a' sealltainn sna deuchainnean. Tha feadhainn eile a’ toirt fuil asta fhèin, a’ cuir òson na luib agus an uairsin ga thilleadh air ais nam bodhaigean a’ toirt dhaibh barrachd ogsaidean.
Feumaidh an spòrs a bhith nas dìcheallaiche buileach ann a bhith a’ lorg an fheadhainn a tha ri cealgaireachd ach canaidh mi aon rud nam fà bhar an seo. Tha iad an ìre mhath fosgailte mu na trioblaidean aca eu-coltach ri buidheann riaghlaidh a’ bhuill-choise FIFA a chleith an aithisg a rinn Michael Garcia mu choirbteachd sa ghèam. Chan eil teagamh nach eil trioblaidean aig spòrs baidhsagal fhathast a thaobh drugaichean, ach a bheil spòrsan eile cho glan sa tha sinn a’ smaointinn?  Tha fios againn uile gu bheil trioblaidean aig lùth-chleasachd ach an urrainn do bhall-coise, rugbaidh is teanas a rà dh nach eil seo a’ bualadh orrasan?
Saoilidh mi gu bheil leasan san aithisg seo dhan h-uile spòrs agus ‘s e sin gum feumar barrachd oidhirp a dhèanamh a thaobh deuchainnean, rannsachadh, foghlam agus riaghladh gus dèanamh cinnteach gu bheil spòrs cho glan ’s as urrainn dha a bhith agus saor bhon sgainneal a tha a sìor ghà nrachadh spòrs baidhsagal.
Chuala sinn tòrr mun Rìgh a’ tilleadh gu Ibrox an t-seachdain seo chaidh ach ’s ann a-nis a tha an obair chruaidh a' tòiseachadh airson Dave King agus an fheadhainn a tha còmhla ris, Pòl Moireach, John Gilligan agus Dùghlas Park. Ma bha dearbhadh a dhìth orra cha robh aca ach feitheamh ceithir uairean fichead an uair a dh’fhaillich air Rangers tadhal a chur an aghaidh Cowdenbeath a bha air call 10-0 ri Hearts sa ghèam mu dheireadh aca. Chuir e iongnadh orm mar sin a bhith a’ cluinntinn, an dà chuid maighstirean King agus Moireach a’ bruidhinn mu Rangers a bhith a’ gabhail an "à ite dligheach" aig bà rr ball-coise na h-Alba agus a bhith "a' stiùireadh a’ ghèam an Alba."Â
Ged nach b’ ann aig King no Moireach a bha a’ choire as motha mu na thachair aig Rangers thairis air na ceithir bliadhnaichean mu dheireadh, bha iad air a’ bhòrd-stiùiridh agus mar sin bha còir fios a bhith aca dè a bha a’ dol air adhart nan ainm an uair nach robh cìsean is cunntasan gam pà igheadh a chuir an cluba fodha mu dheireadh thall. Tha iad le chèile ceart ann a bhith ag rà dh gum bi ball-coise na h-Alba nas fallaine le barrachd farpais a thig bho sgioba Rangers nas là idire a bhith air ais sa Phrìomh Lìog, ach an à ite faclan leithid dligheachd is còraichean shaoilinn-sa gum biodh beagan ùmhlachd is irisleachd na bu fhreagarraiche aig an ìre seo.
Tha mi air a bhith aig an taigh an Uibhist a Deas thairis air na là ithean mu dheireadh agus tha mi air mì-thoileachas a thogail an luib coimhearsnachd ball-coise na sgìre a thaobh sgiobannan taghte nan Eilean Siar a bhitheas a’ dol gu Geamachan nan Eileanan ann an Jersey nas anmoiche air a’ bhliadhna. Dè a tha a’ cur dragh air na h-Uibhistich? Tha, nach eil na cluicheadairean as fheà rr aca a’ faighinn cothrom a bhith an luib nan sgiobaidhean. Tha e do-chreidsinneach nach eil na sgiobaidhean coidsidh air an cothrom a ghabhail thairis air na trì bliadhna mu dheireadh siubhal a choimhead gin dheth na cluicheadairean ann an Lìog Uibhist is Bharraidh agus nach eil boireannaich na sgìre air guth a chluinntinn bhon fheadhainn a tha a’ ruith sgioba nam ban san ùine sin nas motha.Â
Bha dùil agam gun robh sinn air faighinn seachad air an trioblaid seo ach a rèir choltais chan eil agus tha mi duilich, chan eil e math gu leòr a bhith a’ cur litir gu Lìog Uibhist is Bharraigh bho chionn cola-deug a’ tairgsinn gèam cà irdeil sna Hearadh gus sùil a thoirt air na cluicheadairean as fheà rr aca. A-mach à seusan agus leis a’ chosgais a’ tighinn às am pòcannan fhèin chan eil e na iongnadh gun deach an tairgse sin a dhiùlt ged a dh’fhaodas cluicheadairean fa leth an slighe a dhèanamh a Leòdhas ma thogras iad airson geamachan trèanaidh.
Aig à m an uair a tha an sgioba a thig gu Jersey a’ strì airson taic airgead, tha e caran mì-fhortanach gu bheil iad a' gearradh an sgòrnan fhèin san dòigh seo le bhith a’ dìo-chuimhneachadh mu dheidhinn cluicheadairean ball-coise nan Eilean a Deas, fireann agus boireann.Â

Feum air irisleachd is ùmhlachd aig Àrd Chùirt an Rìgh

Cluicheadairean ball-coise nan Eilean a Deas air an dìochuimhneachadh le WIIGA

Broadcast
- Sat 7 Mar 2015 09:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
Lean 91Èȱ¬ Spòrs air X
Spòrs ionadail, nà iseanta agus eadar-nà iseanta bho 91Èȱ¬ Gà idhlig