05/03/2015
An-diugh cuin a tha taigh a' faireachadh mar dachaigh dhut? Cathy Macdonald asks listeners what makes a house feel like a home.
An-diugh cuin a tha taigh a' faireachadh mar dachaigh dhut? A-rèir rannsachadh tha e a toirt barrachd ùine do dhaoine fo aois còig bliadhn' deug thar fhichead seatlaigeadh a-steach do dhachaigh ùr. Tha triùir le diofar bheachdan air dè na h-eileamaidean a tha a dhìth taigh a bhith na dhachaigh. A' ghabhail pà irt tha Sarah Jane Chambeul, Janice Boag agus Lachie Dòmhnallach.
Tha Daibhidh Byrne dìreach air tilleadh à Moscow agus tha sinn a' foighneachd dha dè an tarruing a tha ann am prìomh bhaile na Ruis?
Agus tha Seonagh Nic a' Ghobhainn air ais anns a' chidsin. An t-seachdain seo tha i a' dèanamh sailead le mango agus muasgan-caola no ochd chasach agus cuideachd bradan le criomagan arain. Tha na reasabaidhean aig Seonag air an là rach-lìn www.co.uk/feasgar.
Last on
Na reasabaidhean aig Seonag Nic a' Ghobhainn
Sailead le mango agus muasgan-caol no ochd-chasach
1 mango a tha air abachadh, an craiceann air rùsgadh dheth agus air a ghearradh na chìuban
Là n do là imh de mange tout no peasairean sugar snap air an gearradh tanaÂ
1 pacaid dhuilleagan measgaichte
1 uinnean beag dearg air a ghearradh gu mìn
2 uinnean-earraich air an gearradh tarsainn (diagonally)
Duilleagan coireaman (coriander) air an gearradh mìn (no faodaidh tu meannt, peirsill no basail a chleachdadh.)
100g cnòthan cashew air an gearradhÂ
1 pacaid ochd-chasach air a bhruich no muasgan-caol mòr
Annlan:
2 spà in mhòr de dh’ola a' chroinn-ola Extra Virgin
1 spà in mhòr de fìon geur cider (cider vinegar)
Craiteachan bleideagan tiolaidh
Salann agus piobair
Measgaich na gritheidean còmhla ann am bobhla.
Cuir na duilleagan sailead am measg a chèile air truinnsear mòr an cois na h-uinneanan, am mange tout/peasairean sugar snap. Sgap am mango, na cnòthan agus pìosan den ochd-chasach no na muasgain-caol air feadh nan duilleagan. Dòirt an annlan air feadh an truinnsear. Â
Ma tha thu airson beagan a bharrachd a chuir ris an sailead faodaidh tu buntà ta ùr a chuir na mheasg le croutons agus pìosan tomà to sundried.
Bradan le criomagan arain
Gritheidean:
4 fileadan de bhradan (mu chòig ùnnsaichean gach fear)
30g criomagan arain
2-3 spà in mhòr peirsill air a ghearradh mìn
2 spà in mhòr bleideagan parmesan ùr
2 spà in mhòr ola a' chroinn-ola
Teasaich an à mhainn gu 190C / Gas 5
Cuir am bradan air treidhe bèicearachd air a lìnigeadh le pà ipear.
Measgaich na criomagan arain, am peirsill, na bleideagan parmesan agus an ola a' chroinn-ola còmhla le beagan salann agus pìobair. An uairsin brùth am measgachadh air aon taobh nam fileadan bradain.
Bruich san à mhainn airson 15-20 mionaid gus an tionndaidh an t-uachdar gu dath soilleir òr.
Cuir am bradan air truinnsearan le buntà ta ùr agus pònairean uaine.
Faodaidh sibh spà in mhòr pesto a mheasgachadh leis na criomagan arain an à ite am peirsill.
Faodaidh sibh a dheasachadh ro-là imh agus a chumail sa frids gus am bi agaibh ri chuir dhan à mhainn.
Broadcast
- Thu 5 Mar 2015 12:3391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal