Main content
Sorry, this episode is not currently available

26/02/2015

Air Seachdain Nàiseanta Trioblaidean Bìdh cluinnidh sinn bho thè a tha a' fulang. In National Eating Disorders Week, Cathy talks to a sufferer.

Air Seachdain Nàiseanta Trioblaidean Bìdh cluinnidh sinn bho thè a tha a' fulang. Tha Racheal NicDhòmhnaill ag innse an sgeulachd phearsannta aice fhèin.

Tha atharraichean gan dèanamh air an lagh ann a Breatainn a tha a' ciallachadh gum bi e nas fhasa peanas-airgid a chuir air companaidhean a tha a' cuir dragh air daoine le bhith a' fònadh thuca aig an taigh no air an fòn-làimhe. Sin deasbad an latha agus gheibhear comhairle air nas urrainn dhuinn fhìn a dhèanamh airson stad a chuir orra.

Tha Seonag Nic a' Ghobhainn air ais le sreath ghoirid de reasabaidhean Earraich.

bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 57 minutes

Last on

Thu 26 Feb 2015 12:33

Na reasabaidhean aig Seonag Nic a' Ghobhainn

Brot càl-colaig, cnò-còco agus piobar-tiolaidh



Gritheidean:

1 unnsa ìm

1 uinnean mòr air a ghearradh na phìosan beaga

1 càl-colaig meadhanach mòr air a ghearradh na phìosan

1 canastair bainne cnò-còco

Sùgh glasraich mu 1-2 pinnt (a rèir cho mòr 's a tha a' cholaig)

1-2 piobar-tiolaidh dearg leis an sìol air a thoirt às agus air a ghearradh gu mìn

Beagan uachdar (ma tha thu ga iarraidh)

Salann agus piobar


Fraighig an t-uinnean ann am pana le ìm gus an tionndaidh e bog a' dèanamh cinnteach nach tèid e donn. Tilg a-steach an càl-colaig, leth-phinnt sùgh glasraich, salann agus piobar agus cuir mullach air a’ phana. Bruich airson 5-10 mionaidean gus a bheil na glasraich bog. Dòirt a-steach am bainne cnò-còco agus teasaich.

Dòirt a h-uile càil am broinn inneal-measgachaidh agus co-mheasgaich gus a bheil a h-uile càil mìn (cuir ris tuilleadh sùgh glasraich ma tha feum)

Cuir am brot air ais dhan phana agus cuir ann am piobar-tiolaidh dearg. Teasaich airson 10-20 mionaid. Cuir ris tuilleadh salainn agus piobair a rèir do bhlais agus cuir ann beagan uachdar ma tha sibh ag iarraidh. 

Tha am brot seo math air ithe le baguette air a thostadh san Ă mhainn.


Càis-chèic Liomaid



Gritheidean:

Bonn na cèic:

50 gram briosgaidean digestive

50 gram gingernuts air am pronnadh

50 gram ìm leaghte

Measgaich a h-uile càil gu math agus brùth e am broinn bonn tiona cèic meud 8 òirleach air a lìnigeadh le pàipear bèicearachd. Cuir an tiona dhan frids gus an stèidhich e.


An càis-chèic fhèin:

2 tuba cĂ ise mascarpone

320g curd liomaid 

SĂągh 1 liomaid

Measgaich am mascarpone leis a' churd agus an sùgh liomaid gus a bheil e mìn. Dòirt am measgachadh air muin nam briosgaidean anns an tiona agus cuir air ais dhan frids e airson oidhche gus an stèidhich e a-rithist. Sgeadaich am mullach le sgealban do mheasan leithid sùbhan-làir agus kiwis (faodaidh tu meas sam bith a chleachdadh).

Broadcast

  • Thu 26 Feb 2015 12:33