Main content
Sorry, this episode is not currently available

23/02/2015

Prògram sònraichte mu chultar, fasan, feallsanachd, economaidh agus teicneòlas Shìona. A China special on culture, fashion, philosophy, economy and technology.

Thòisich Bliadhn' Ùr Shìona 2015 - 'sa tha air a' ghairm mar Bliadhna a' Ghobhair - Diardaoin 'sa chaidh agus i a' crìochnachadh air a' chòigeamh latha den Mhàirt. Abair Fèis mhòr annasach, mìos sònraichte a tha a' nochdadh turas ann a' bhliadhna. Ann an cultar nan Sìneach 's e àm sònraichte a bha seo airson teaghlaichean a bhith còmhla. Chinese.

An-diugh air Feasgar, tha sinne a' toirt sùil mhionaideach air an dùthaich inntinneach seo. Tha an economaidh aca anns an darna àite as àirde air an t-saoghal agus 's iad as motha a tha a' reic agus a' ceannach stuth à dùthchanan eile. Tha Dòmhnaill Iain MacAonghais ag innse dhuinn dè tha a' fàgail an economaidh cho fallain.

Bheir am prògram sùil air gnìomhachas teicneòlas cuideachd, leithid companaidhean soirbheachail mar Xiaomi.

Tha Sandra Mhoireach a' mìneachadh mar a tha Siona a' seasamh ann a fasan an t-saoghail.

Tha Ishi NicIlleathain air a bhith a' leughadh an leabhair The Tao of Pooh le Benjamin Hoff. Dè an ceangail eadar na sgeulachdan aig caractaran AA Milne agus feallsanachd Sìneach?

Cuideachd tha an saic-eòlaiche Dòmhnaill MacLeòid a' toirt sùil air dè cho mòr 'sa tha a' bhearn eadar dùthchanan an Ear 's dùthchanan an Iar nuair a thig e gu feallsanachd. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Mon 23 Feb 2015 12:33

Broadcast

  • Mon 23 Feb 2015 12:33