Còmhla ri Iain Moireasdan
Spòrs ionadail, nà iseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Iain Moireasdan. Local, national and international sport with John Morrison.
Iain Moireasdan a' coimhead air Farpais Rugbaidh nan Sia DÚthchannan a tha a' tòiseachadh air an deireadh sheachdain agus, ann am ball-coise, air a' chòigeamh cuairt de dh'fharpais Cupa na h-Alba. Bidh na peathraichean Nic-a-PhÏ, Kerry agus Kirsty, a' còmhradh mu na dÚbhlain a tha romhpa air a' bhaidhsagal am bliadhna agus bidh sgitheadh fon phrosbaig.
Last on
More episodes
Previous
Clip
-
Spòrs na Seachdain: Na peathraichean Nic-a-PhÏ
Duration: 11:38
SÚil air Spòrs le Ailig O'Henley
An t-seann duan aig an t-seann phrĂŹs? Chan e buileach ach sin an seòrsa faireachdainn a bhâ ann Ă s dèidh aâ chiad ghèam aig Alba ann am farpais rugbaidh nan Sia DĂšthchannan. Bha na h-uidhir a dhòchas ann ro lĂ imh gum bâ urrainn dhan sgioba nĂ iseanta fo stiĂšir aâ choidse Ăšr Vern Cotter a dhol gu Paris agus an gnothach a dhèanamh air na Frangaich air an starsach fhèin. Ach airson an naoidheamh bliadhna an sreath a chèile chaill Alba aâ chiad ghèam aâ ciallachadh gu bheil iad a-nis aâ snĂ mh an aghaidh an t-sruth mar as Ă bhaist.
Gun teagamh bha rudan ann a bheireadh misneachd dhan luchd-taic leithid an dòigh san do chluich Stuart Hogg, Finn Russell is Mark Bennett. Aig amannan bha aâ chluiche aca dĂ n is breĂ gha air an t-sĂšil, ach Ă s dèidh sin a rĂ dh thug iad seachad dusan breab-pheanais, agus a dhâaindeoin gearain mun rèitire, Nigel Owens chan urrainn dhut sin a dhèanamh aig an ĂŹre seo. Tha mi aâ leughadh sa cluinntinn cuid ag rĂ dh gun robh Alba mĂŹ-fhortanach, ach an urrainn dhut da-rĂŹribh sin a rĂ dh an uair a dhâfhaillich orra puing fhaighinn san dara leth?
Aâ coimhead air aâ ghèam bha e follaiseach gu bheil na cluicheadairean air gabhail gu tur le feallsanachd Cotter a thaobh a bhith aâ cluiche aâ ghèam len cinn suas agus âs e comharra math a tha sin airson na geamachan ri thighinn, ach feumaidh iad ionnsachadh ciamar a ghabhas iad brath an uair a tha smachd aca air aâ ghèam. Chan e sgioba mhath Fhrangach a tha seo idir, idir ach a chionn âs gun robh barrachd neart aca chaidh aca air Alba a phutadh air ais san dara leth agus brath a ghabhail air mearachdan gòrach mar a rinn Dougie Fife aig Ă m an uair nach robh ach puing eadar an dĂ sgioba.
Feumaidh iad an leasan sin ionnsachadh gu math luath le sgioba leòinte Chuimreach aâ dèanamh an slighe gu Murrayfield Didòmhnaich seo tighinn. A-rithist bu chòir dhaibh pèin bho bhith ann an suidheachadh lĂ idir aâ chiad ghèam aca a ghleidheadh an aghaidh Sasainn, ach bâ e an naidheachd as motha a thĂ inig a-mach Ă s aâ ghèam sin agus gu dearbh dhòmhsa thairis air an deireadh sheachdain gu lèir, aâ chonnspaid timcheall George North agus co-dhiĂš am bu chòir dha a bhith air cumail air aâ cluiche Ă s dèidh dĂ bhuile fhaighinn mun cheann.
âS e cuspair connspaideach a tha seo ann an iomadach spòrs ach gu sònraichte ann an rugbaidh far a bheil uiread de neart agus bualadh na chèile. Bha na dotairean aig aâ Chuimrigh cinnteach gu leòr gum faodadh North tilleadh Ă s dèidh breab fhaighinn mun smiogaid, ach tha e duilich fhaicinn ciamar a leig iad leis tilleadh air aâ phĂ irce an dara turas an uair a fhuair e sgleog eile mun cheann bho Richard Hibbard. Bho na dealbhan bha e a' coimhead coltach gun robh e air mothachadh a chall fiĂš âs mus do thuit e gu lĂ r agus ma tha sin fĂŹor cha bu chòir dha a bhith air tilleadh.
Mar a thubhairt mi chan ann air rugbaidh a-mhĂ in a tha seo aâ bualadh agus tha fiosam fhèin bho bhith san dearbh shuidheachadh dĂ thuras an luib geamachan ball-coise cò ris a tha tachartasan mar seo coltach. Chuir mi seachad aon oidhche san ospadal agus an dara turas Ă s dèidh a dhol a-mach fuar thill mi air ais air Ă s dèidh beagan uisge a dhortadh air mo mhaoil. Gòrach ach sin mar a bha e an uairsin. Gu fortanach fhuair mise Ă s gun an còrr cron a dhèanamh orm fhèin, ach Ă s dèidh na thachair dhan bhalach òg Ben Robinson ann an 2011 feumaidh spòrs de gach seòrsa a bhith nas faiceallaiche a thaobh slĂ inte nan cluicheadairean aca.
Dhan fheadhainn aig nach eil fios mu dheidhinn sgeulachd Ben, chaill e a bheatha an uair a chaidh a thilleadh air aâ phĂ irce Ă s dèidh an treas buile fhaighinn mun cheann ann an gèam rugbaidh sgoile. Chaidh a dhearbhadh a-rithist gur e 'Second Impact Syndrome' a thug bĂ s dha aig aois ceithir bliadhnâ deug agus chan eil e na iongnadh gun robh athair, Peadair a tha a-nis ag obair gus aire a tharraing chun aâ chunnart seo, am measg aâ chiad fheadhainn a thĂ inig a-mach sa thubhairt gu bheil feum air âatharrachadh cultarailâ ann an rugbaidh. Tha e ceart. Chan eil sinn ag iarraidh tubaist dhen aon t-seòrsa fhaicinn beò air telebhisean agus mar sin feumaidh aâ bhuidheann riaghlaidh Rugbaidh na Cruinne teachdaireachd lĂ idir a chur a-mach agus aig aâ char as lugha cronachadh a dhèanamh air Aonadh Rugbaidh na Cuimrigh airson an dòigh san do lĂ imhsich iad cĂšisean ann an Cardiff Dihaoine seo chaidh.
Ross County an cunnart tuiteam sĂŹos dhan Championship
Aon ghèam deug gun bhuinnig. Nam biodh sin air tachairt aig toiseach na seusan bhiodh manaidsear sam bith ann an cunnart obair a chall. Ach bhon a tha Ross County air am manaidsear aca atharrachadh cheana, le Derek Adams aâ faighinn aâ bhròg aig deireadh an LĂšnastail an uiridh, tha mi an amharas gur e sin as coireach gu bheil am fear a thĂ inig na Ă ite Jim McIntyre aâ faighinn barrachd Ăšine gus feuchainn ri cĂšisean a thionndadh mun cuairt.
Tha a h-uile manaidsear feumach agus airidh air Ăšine gus e fhèin a dhearbhadh agus aig amannan leithid an gèam mu dheireadh aca air an robh mi ag aithris an aghaidh Cille MheĂ rnaig aig Rugby Park, tha comharran ann gu bheil adhartas aâ tighinn air an sgioba. Ach dĂŹreach an uair a tha thu aâ smaointinn gu bheil piseach aâ tighinn orra tha iad an uairsin aâ gabhail ceum no dhĂ eile air ais agus tha thu an uairsin air dâ fhĂ gail aâ tachas do chinn le cuid de na cluicheadairean a thug Mac an t-Saoir a-steach san Fhaoilleach - Raffaele de Vita, Darvydas Ĺ ernas agus Ruben Palazuelos - triĂšir a thâ air a bhith aig sia deug club eadar-dhealaichte thairis air na trĂŹ bliadhna mu dheireadh.
Cha bâ ann an-diugh no an-dè a thòisich am fasan seo aig County - tha iad air 63 cluicheadair a chleachdadh thairis air an dĂ sheusan gu leth mu dheireadh - ach feumaidh mi a rĂ dh gun do ghlac e mâ aire an uair a chuala mi an cathraiche Roy MacGriogair ag rĂ dh ri luchd-taic an t-seachdain seo chaidh gun robh iad air cluiche mar âheadless chickensâ an aghaidh St Mirren. Nam bithinn ann am brògan Mhic an t-Saoir agus Billy Dodds bhiodh e na uallach dhomh sin a chluinntinn agus le sia puingean a-nis eadar iad fhèin is Tobar na MĂ thar aig aâ bhonn tha an t-uamhas cuideam air an dithis aca aâ dol a-steach dhan ghèam eadar an dĂ sgioba ann an Inbhir Pheotharain Disathairne.
Chan eil e do-dhèanta nach urrainn dhaibh aâ bheĂ rn sin a dhĂšnadh fhathast, ach mura tòisich iad a' gleidheadh gheamachan aig an taigh, far nach eil iad ach air buinnig aon turas air an t-seusan seo, tha eagal orm gum bi na Staggies air an slighe air ais sĂŹos dhan Championship.
Broadcast
- Sat 7 Feb 2015 09:0391ČČąŹ Radio nan GĂ idheal
Lean 91ČČąŹ Spòrs air X
Spòrs ionadail, nĂ iseanta agus eadar-nĂ iseanta bho 91ČČąŹ GĂ idhlig