15/01/2015
Cò ris a tha e coltach a' fònadh gu ionad ghairm agus ag obair aig ionad mar seo? Call centres - what is it like for those making the calls and those receiving them?
Nochd colbh ann am paipear naidheachd an latha roimhe far an robh an t-ughdar, Frances Ryan, a' togail ceist mu ciamar a tha daoine ciorramach air an riochdachadh ann am fiolmaichean. 'S e a' cheist a bh' aice, a bheil e ceart 's cothromach gu bheil cleasaichean gun chiorram a' cluich caractaran a tha ciorramach? Rinn i coimeas eadar an suidheachadh sin agus an ùpraid a bhiodh ann nam biodh cleasaiche geal gan dubhadh fhèin gus caractar dubh a chluich. Gheibh sinn beachdan bho chleasaiche, riochdaire agus bho fhèar a tha air leth measail air filmichean.
'S iomadh duine againn aig an robh gearainn thairis air na beagan sheachdainean mu dheireadh, a thaobh seirbhisean nach robh ag obair ri linn droch aimsir. Ma tha gearainn againn ri dhèanamh, feumar a' fòn a thogail agus an t-suidheachadh a' mhìneachadh dhan duine a th' air ceann eile a fòn. Cò ris a tha e coltach a bhi ag obair ann an ionad ghairm mar seo agus dè na gearrainean a tha aig an fheadhainn aig ceann eile a fòn air mar a thèid dèiligeadh riutha?
Air an t-seusan seo, thathar an dùil gum bith timcheall air seachd deug air fhichead mile luchd turais a' tadhal air Antartica. Ach tha ceistean a' nochdadh am bu chòir gu bheil e comasach do dhuine sam bith a dhol gu leithid a dh'à ite....a' dèanamh truaileadh neo milleadh, gar bith dè cho beag? Am bu chòir riaghailtean nas teinne a bhith ann? Tha seo cuideachd fìor mu iomadach à ite eile air feadh an t-saoghail. m.e Machu Picchu ann am Peru, Great Barrier Reef ann an Àstralia, Petra ann an Jordan agus fiù Eilean Hiort. Bruidhnidh sinn ri triùir a tha air a bhith aig cuid de na h-à iteachan seo.
bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 15 Jan 2015 09:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Thu 15 Jan 2015 21:1391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal