27/12/2014
Iain Moireasdan agus sgioba spòrs a' toirt sùil air ais air tachartasan 2014. John Morrison and the team take a look back at the sporting highlights of 2014.
Iain Moireasdan an cuideachd Kirsty Nic-a-phì, Alec O'Henley, Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein agus Uisdean MacIllFhinnein le sùil air ais air tachartasan 2014. John Morrison, joined by Kirsty Macphee, Alex O'Henley, Ruairidh Alasdair Maclennan and Hugh Dan MacLennan take a look back at the sporting highlights of 2014.
Last on
More episodes
Previous
Next
Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley
An uair a thòisich mi air a’ cholbh seo a’ sgrìobhadh sia mìosan air ais ’s e a bha nam inntinn ach feuchainn ri rudeigin a bharrachd a chur ri samhradh, gu dearbh bliadhna mhòr de spòrs an seo an Alba. Eadar Geamachan a’ Cho-fhlaitheis agus Cupa Ryder chan fhacas bliadhna le uiread de thachartasan mòra spòrs air an starsach againn fhèin riamh roimhe agus chan eil teagamh nach e Glaschu 2014 a thug dhuinn na sgeulachdan as fheà rr dhen bhliadhna.
Bha uiread dhiubh ann ’s gu bheil e duilich taghadh a dhèanamh eadar an fheadhainn as fheà rr - Hannah Miley a’ dearbhadh a h-uile duine ceà rr uair eile san amar-snà mh, an coltas air aghaidh Daibhidh Murdoch an uair a rinn e an gnothach air Mìcheal Jamieson, na peathraichean Renicks anns an Iudo gun ghuth air a’ bhogsair òg Charlie Flynn a dhearbh gun robh e a cheart cho luath air a theangaidh ’s a bha e le dhùirn. Cò eile a bheireadh taing dha mhà thair airson a bhith a’ dèanamh a chuid nigheadaireachd às dèidh bonn òir a ghleidheadh? Chan eil mi cinnteach an d’fhuair John Inverdale aig a’ BhBC seachad air an agallamh sin fhathast!
Ach sin an seòrsa geamachan a bh’ ann, tachartas a ghlac aire an t-saoghail bhon chuirm fhosglaidh iongantach a bha sin aig Pà irce Celtic air an 23mh dhen Iuchar. Tha mi air obrachadh aig a’ phà irce sin iomadach turas aig geamachan mòra ball-coise san Champions League agus ged nach tig dad faisg air oidhcheannan ainmeil leithid na geamachan a ghlèidh Celtic an aghaidh Barcelona, Juventus is Manchester United, bha rudeigin sònraichte mun chuirm fhosglaidh sin a dh’innis dhuinn gum biodh an dà chuid na geamachan agus sgioba na h-Alba soirbheachail. Chitheadh tu sin ann an sùilean nan lùth-chleasaichean an uair a thà inig iad a-mach air a’ phà irce. ’S gann gum b’ urrainn dhaibh a chreidsinn an fhà ilte a fhuair iad agus tha mi mionnaichte gun robh pà irt mhòr aige sin ri dhèanamh ris a’ bhrìog de bhuinn a chaidh a thogail sa chola-deug às dèidh sin.
Dhòmhsa ge-tà b’ e dithis (bhoireannach) nach d’fhuair bonn òir a bu mhotha a ghlac m’ aire 's a thug a-staigh orm na h-à irdean as urrainn dhut a ruighinn ma chuireas tu d’ inntinn ris. Bidh na h-eòlaichean daonnan ag rà dh nach d’fhiach a bhith a’ crìochnachadh san dara à ite ann an spòrs sam bith. Nach tric a chluinneas tu an abairt - ‘First is first, second is nowhere.’ Uill, thalla thusa agus innis sin do Lynsey Sharp. Bha deasachadh uamhasach duilich aig Lynsey, nighean Cameron agus Carol Sharp - dithis a choisinn cliù aig Geamachan a’ Cho-fhlaitheis sna 80an - air thoiseach air Glaschu 2014. Bha lot air cùl a coise nach robh a' leigheas às dèidh obair-lannsa agus aig aon ìre smaoinich i fiù ’s stad a ruith às dèidh comhairle fhaighinn bho dhotairean gum faodadh i barrachd cron a dhèanamh orra fhèin nan cumadh i a’ dol.
Ach mar a tha fios againn a-nis cha robh sin ach pà irt dheth na trioblaidean aice. Bha i fortanach faighinn troimhe chun a’ chuairt dheireannaich dhen rèis 800 meatair mar tè dhen fheadhainn as luaithe a bha air call agus cha robh mòran againn a bha an là thair aig Pà irce Hampden an oidhche sin a bheireadh dòchas sam bith dhi faighinn faisg air na buinn sa chuairt dheireannach an ath-oidhch’ a-rithist. Mar a thurchair b’ e mìorailt a bh’ ann gum b’ urrainn do Lynsey ruith idir oir chuir i an oidhche sin seachad san ospadal ann am baile nan lùth-chleasaichean le snà thad na gà irdean às dèidh a bhith a’ cur a-mach fad na h-oidhche. Bhiodh gu leòr eile air an rèis a leigeil seachad agus bha a h-athair cho draghail mu deidhinn ’s gun do dh’fhuirich e air falbh bho Hampden an oidhche sin, ach bha i air a thighinn cho fada ’s air uiread a chur a-steach ’s nach robh i airson an cothrom agus an uair seo a leigeil seachad.
Mar sin leis na faclan a tha ainmeil a-nis - ‘Get out strong, commit’ sgrìobhte air cùl a là imhe thà inig Lynsey a-mach agus ruith i rèis a beatha a’ tighinn troimhe sa 100 meatair mu dheireadh airson crìochnachadh san dara à ite air dheireadh air Eunice Sum à Kenya. Thà inig na deòir às dèidh dhi tighinn tarsainn air an loidhne agus bha e follaiseach gur e an t-eagal fà illigeadh mu choinneamh sluagh na h-Alba aon dheth na rudan a thug oirre ìre eile a ruighinn, sin agus na builean sna duilgheadasan a bha i air fhulang roimhe sin. An uair a tha thu air a bhith cho ìosal 's a bha Lynsey chan eil thu airson tilleadh air ais dhan à ite dhorcha sin mas urrainn dhut idir agus dhearbh e rud eile dhòmhsa cuideachd a thaobh luchd-spòrs agus ’s e sin gum feum thu fà illeachdain airson a bhith soirbheachail. ’S e na dh’ionnsaicheas tu bho na h-amannan duilich a dhearbhas cho soirbheachail 's a bhitheas tu.
Agus tha sin gam thoirt gu rionnag eile nach do thog bonn ach a choisinn cliù agus urram a h-uile duine ris an do choinnich i thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh, Kerry Nic a' Phì à Cille Pheadair an Uibhist a Deas. Tha e iongantach a bhith a’ smaointinn nach eil ann ach beagan is trì bliadhna bho chuala sinn mu dheidhinn Kerry an toiseach air prògram Spòrs na Seachdain ’s i a’ gabhail pà irt ann an rèis triathlon agus nas iongantaiche buileach nach eil ann ach bliadhna bho thionndaidh i a h-aire gu spòrs baidhsagal, gu sònraichte farpaisean baidhsagal beinne.
B’e an t-amas aig Kerry faighinn dhan sgioba rothaireachd airson Geamachan a’ Cho-fhlaitheis agus rinn i sin agus mura b’e ’s gun robh i fhèin san ospadal seachdain no dhà ro na geamachan tha mi an amharas gum biodh i air crìochnachadh nas à irde san rèis aice. Ach a-rithist ga leantail aig Bruaichean Chathkin thà inig e a-staigh orm na sgilean a dh’fheumas a bhith agad airson a bhith soirbheachail ann an spòrs. Chan e dìreach a bhith fut an aon rud a tha a dhith ort; feumaidh d’ inntinn a bhith a cheart cho fallain agus là idir. Ann an dòigh tha e nas fhasa do bhodhaig a chumail fut ach ’s e an rud a bheir ceum nas fhaide thu co-dhiù a tha an neart inntinn agus am miann agad an ìre às à irde a ruighinn.
Tha sin aig Kerry ann am pailteas agus tha mi cinnteach gun cluinn sinn barrachd mu deidhinn sna bliadhnaichean a tha romhainn a’ tòiseachadh le Geamachan nan Eileanan ann an Jersey air an t-samhradh seo tighinn. Tha na h-èibhleagan mu dheireadh dhen t-seann bhliadhna gu dhol às ach cha tig dìochuimhn’ gu brà th air 2014, a’ bhliadhna a chuir Glaschu agus Alba fa chomhair an t-saoghail ann an dòigh nach fhacas riamh roimhe. Bliadhn’ Ùr Mhath Spòrsail dhuibh uile an uair a thig i.
Broadcasts
- Sat 27 Dec 2014 09:0291Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- New Year's Day 2015 17:3091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
Lean 91Èȱ¬ Spòrs air X
Spòrs ionadail, nà iseanta agus eadar-nà iseanta bho 91Èȱ¬ Gà idhlig