Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Iain Moireasdan

Spòrs ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Iain Moireasdan. All the latest local, national and international sport presented by John Morrison.

Iain Moireasdan sa chathair agus e a' cluinntinn beachdan mu bhall-coise na deireadh sheachdain. Tha Charlie Flynn a' bogsadh sa chiad sabaid profeiseanta aige, tha sgiobaidhean rugbaidh Ghlaschu agus Dhùn Èideann a' cluich ann am farpaisean Eòrpach agus tha luchd-snàmh a' cruinneachadh airson farpais nàiseanta 'Short Course' ann an Dùn Èideann, agus bidh beagan mu iad sin, am measg spòrs eile, aig Iain dhuibh.

57 minutes

Last on

Sat 13 Dec 2014 09:03

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Sgrìobh mi an seo an t-seachdain seo chaidh gun robh Ally McCoist eadar a’ chlach san sgrath agus gum feumadh e smaointinn air coiseachd air falbh bho obair mar mhanaidsear Rangers. Cha robh dùil agam gun tachradh sin cho luath agus bho nochd an naidheachd Dihaoine seo chaidh tha mòran air a bhith a’ faighneachd dhomh dè a tha fa-near do McCoist le bhith ag innse dhan chlub gu bheil e airson a dhreuchd fhàgail.


Mar a tha daonnan fìor le Rangers tha am freagairt toinnte, ach ma tha thu a’ faighneachd dhòmhsa dè am prìomh adhbhar a th’ air cùl a cho-dhùnaidh aige, chanainn gu bheil McCoist a-nis a tuigsinn nach urrainn dhan sgioba aige an Championship a ghleidheadh air an t-seusan seo. Chunna mi sin le mo shùilean fhèin sa ghèam an aghaidh Alloa ann an Cupa Dùbhlan na h-Alba - cluicheadairean a b’ fheàrr a bhith nan suidhe a-staigh san casan suas an tac an teine agus nach b’urrainn a bhith air am bodraigeadh feuchainn ach a-mhàin airson cairteal na h-uarach aig toiseach an dara leth.


Chunna sinn e a-rithist sa ghèam an aghaidh Queen of the South. Uair eile ghèill Rangers an aghaidh sgioba a bha nas luaithe, nas sgileile ’s air an coidseadh na b’ fheàrr. Bha e follaiseach do dhuine sam bith a bha a’ coimhead a’ ghèam gun robh na cluicheadairean air toirt suas agus an uair a thachras sin chan eil e a’ fàgail cus roghainn aig a’ mhanaidsear. An àite cumail orra airson pàrtaidh Nollaig ann an Leeds thug McCoist air bus na sgioba tilleadh air ais a Ghlaschu agus na cluicheadairean a thoirt air ais a-steach airson trèanadh madainn Disathairne. Ach ’s e fìrinn na cùise gun robh na cluicheadairean air McCoist fhèin a thilgeil fon bhus an oidhche roimhe sin le mar a chluich iad aig Palmerston.


Tha deagh fhios aig McCoist cuideachd nach eil taic aige bho bòrd stiùiridh a’ chlub, no tha mi an amharas bhon fhear a tha a’ ruith chùisean a-nis, am fear-gnothaich Mike Ashley. ’S dòcha nach eil aige ach timcheall air naoi sa cheud de dh’earrannan sa chlub, ach chan eil teagamh nach e Ashley a tha air cùl gach gearradh cosnadh is cosgais - agus tha tuilleadh dhiubh a’ tighinn air agus far na pàirce - a tha Derek Llambias air a bhith a’ dèanamh às a leth thairis air na seachdainean mu dheireadh. Suidheachadh annasach airson fear a thug gealladh sgrìobhte do Chomann Ball-coise na h-Alba nach gabhadh e gnothach le ruith a’ chlub fhad ’s a bha e fhathast an sàs ann an Newcastle United. ’S beag an t-iongnadh mar sin gu bheil Àrd Oifigear an SFA Stiùbhart Regan a’ coimhead airson obair ùr!


‘S e cuspair airson latha eile a tha sin ach an-dràsta feumaidh Ashley agus McCoist tighinn gu rèite air choireigin a leigeas leis a’ chlub gluasad air adhart agus dh’fhaodadh gum faigheadh sinn fuasgladh air an sin an t-seachdain seo an uair a choinnicheas e ri Llambias agus Sandy Easdale, fear dheth na stiùirichean. Mar a tha mi a' tuigsinn bhiodh McCoist riaraichte le £400,000 ach le Rangers a’ feumachdain £8m sa Bhliadhn’ Ùir airson an club a chumail a’ dol, a bheil Ashley gu bhith deònach a làmh a chur na phòca gus McCoist a phàigheadh dheth? Airgead pronn airson leithid Ashley a tha luach còrr is £4bn ach cha do choisinn e am fortan sin le bhith a’ tilgeil a chuid airgid air falbh.


Thuirt mi an t-seachdain seo chaidh nach cuirinn cus coire air McCoist airson a bhith a’ coimhead airson airgead-dìolaidh, gu sònraichte às dèidh mar a tha feadhainn eile air am pòcannan a lìonadh, ach bhiodh e na b’ fheàrr dha chliù fhèin am measg an luchd-taic nan canadh e nach robh e ag iarraidh sgillinn. Chan e gu bheil feum aige air an airgead co-dhiù agus bhiodh e a ciallachadh cuideachd nach biodh e air a chuingealachadh a thaobh na dh’fhaodadh e a ràdh mu na th’ air tachairt aig Rangers thairis air na trì bliadhna mu dheireadh.


Ach le bhith a’ dol air ais air an t-seann tuarastal de £750,000 fhad ’s a tha e a’ feitheamh ri pàigheadh dheth tha mi a’ smaointinn gu bheil e air am batal sin a chall a-nis. Ann an sùilean an luchd-taic tha e a’ coimhead sanndach aig àm an uair a tha an club air a ghlùinean agus feumach air a h-uile sgillinn airson faighinn gu deireadh na seusan. Chan eil fhiosam cò a tha ga chomhairleachadh (uill tha fios agam ach chan eil mi airson an ainmeachadh an seo) ach tha e air seo a làimhseachadh ceàrr - bhon dòigh san d’ thàinig an naidheachd a-mach bho dhaoine a tha faisg air air an dearbh latha san robh gèam cudromach aig Rangers gu bhith a’ cumail a-mach gun robh aire gu tur air an obair an uair a bha fios aig coin a’ bhaile gun robh e air leigeil fhaicinn dhan chlub gun robh e airson falbh. Tha an club na chulaidh mhagaidh air agus far na pàirce ach ma tha McCoist airson a chliù a ghleidheadh coisichidh e air falbh às aonais na cleasan gòrach a tha sinn air fhaicinn bhuaithe sna làithean mu dheireadh.


Co-dhùnadh ceàrr Duais Pearsa Spòrs 2014 a thoirt do Hamilton


Coltach ri gu leòr eile chuir e iongnadh orm gur e Lewis Hamilton ’s nach b’e Rory McIlroy a ghlèidh Duais a’ BhBC airson Pearsa Spòrs 2014. Eu-coltach ri Hamilton cha robh sgioba de dh’einnseanirean agus coimpiutairean air cùl McIlroy an uair a choisinn e dà phrìomh dhuais, farpais an t-saoghail a thuilleadh air pàirt chudromach a chluich e san sgioba a thog Cupa Ryder. Air ais aig àireamh a h-aon às dèidh bliadhna dhuilich ann an 2013, cha b’ urrainn samhradh na b’fheàrr a bhith aig an Èireannach à Beul Feirste. Ach tha mi an amharas gum faigh e seachad air agus an uair a thig e gu h-aon ’s gu dhà bidh cuimhne air McIlroy chan ann airson duaisean telebhisean ach airson na cupannan a thogas e air an raon-goilf.

Broadcast

  • Sat 13 Dec 2014 09:03

Lean 91Èȱ¬ Spòrs air X

Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta bho 91Èȱ¬ Gàidhlig