Còmhla ri Iain Moireasdan
Iain Moireasdan agus an sgioba le prògram sònraichte a' toirt sùil air spòrs ann an Alba agus a bhuaidh air luchd-spòrs nan eilean. Scottish sport and its impact on the islands.
Iain Moireasdan agus an sgioba ann a Steòrnabhagh le prògram sònraichte a' toirt sùil air spòrs ann an Alba agus a bhuaidh air luchd-spòrs nan eilean. Faodar ceistean a chuir a-steach chun phanail, Kerry Nic-a-Phì, Coinneach MacLeòid, Ailig O'Henley, Norrie MacDhòmhnaill agus Murray MacLeòid air post-dealan aig sns@bbc.co.uk neo tro twitter @91Èȱ¬Spors.
Last on
More episodes
Previous
Next
An sgioba san stiùidio ann an Steòrnabhagh
San stiùidio ann an Steòrnabhagh
Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley
Chòrd e rium gu mòr a bhith ann an Steòrnabhagh Disathairne seo chaidh airson prògram sònraichte de Spòrs na Seachdain far an robh cothrom aig feadhainn a tha an sàs ann an spòrs aig ìre ionadail ceistean a chur air a’ phannal againn. A thuilleadh air a bhith a’ coinneachadh ri seann eòlaich agus feadhainn ris nach do choinnich mi riamh roimhe, dh’fheumainn a rà dh gur e an rud a b’ inntinniche dhòmhsa a bhith a’ cluinntinn mu na tha a’ tachairt anns na coimhearsnachdan agus na cothroman sna duilgheadasan a tha mun coinneamh.
Chan e rud ùr a th’ ann a bhith a’ cluinntinn gu bheil duilgheadasan sònraichte mu choinneamh coimhearsnachdan eileanach an uair a thig e gu spòrs. Co-dhiù a tha thu a’ farpais nad aonar no mar phà irt de sgioba, tha an Cuan Sgìth na chnap-starra airson luchd-spòrs sam bith a tha airson farpais air tìr-mòr. Mar eisimpleir, rinn sgioba ball-coise club Leòdhais sna Hearadh math Cupa Chailleanach a Tuath a ghleidheadh an t-seachdain seo chaidh ach tha e a’ cosg timcheall air £800 not dhaibh a h-uile turas a tha iad a’ toirt bus a-null air an aiseig a dh’Ulapul agus faodaidh tu sin a dhùblachadh ma dh’fheumas iad fuireach oidhche air falbh.
Tha an aon rud fìor airson club chamanachd Leòdhais, club rugbaidh Steòrnabhaigh agus clubaichean eile eadar lùth-chleasachd is ball-basgaid air feadh nan Eileanan Siar aig a bheil cosgaisean a bharrachd nach eil mu choinneamh clubaichean spòrs air tìr-mòr. Tha sin a’ cur tuilleadh cuideam air feadhainn a tha a’ gabhail pà irt ann an spòrs sna h-Eileanan an là mhan a chur nam pòcannan fhèin airson na faraidhean a phà igheadh no a bhith a’ crochadh air taic airgid bho chompanaidhean ionadail, rud a tha a' sìor fhàs nas duilghe.
Tha an dùbhlan as motha ’s dòcha aig an sgioba a tha a’ dol gu Geamachan nan Eilean ann an Jersey is £100,000 aca ri lorg eadar seo san ath-bhliadhn’. Gheibh iad pà irt dhen sin bhon Chomhairle ionadail ach le uiread de chuideam air ùghdarrasan ionadail a thaobh buidseatan tha e a' sìor fhàs nas duilghe dhaibhsan cuideachd barrachd airgead a chur ri spòrs sna coimhearsnachdan aca.
Chan eil freagairt furasta ann ach tha mi fhathast a smaointinn gum b’urrainn dhan riaghaltas aig ìre nà iseanta a bhith a’ dèanamh barrachd. Mhothaich mi an t-seachdain seo chaidh nach robh fiù ’s iomradh air spòrs anns a’ chaibineat a dh’fhoillsich am Prìomh Mhinisteir ùr, Nicola Sturgeon. Mar as à bhaist nochd sin a-rithist an luib nam fo-mhinistearan le uallach air Jamie Hepburn airson Spòrs agus Leasachadh Slà inte. Tha am pà irt mu dheireadh dhen tiotal sin cudromach oir tha na h-à ireamhan mu dheireadh a' sealltainn dhuinn gun deach £230m a chosg air tinneas an t-siùcair agus reaimhread thairis air na trì bliadhna mu dheireadh, seadh £230m!
Tha cairteal a’ mhillean no còig sa cheud de shluagh na h-Alba a-nis a’ fulang le tinneas an t-siùcair agus a mhòr-chuid dhiubh sin air sà illeabh reaimhread. Mar sin, ma tha an riaghaltas da-rìreabh mu dheidhinn slà inte agus fallaineachd feumaidh iad à ite nas cudromaiche a thoirt do spòrs. Cosgaidh e barrachd dhaibh an-drà st' ach sà bhailidh iad na milleanan mòra airson Seirbheis Nà iseanta na Slà inte sna bliadhnaichean a tha romhainn. Tha e math gu leòr a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn ach ‘s e an gnìomh a dhearbhas ach gu mì-fhortanach chan eil riaghaltasan mar as trice a’ coimhead nas fhaide na an ath thaghadh.
Ach a’ tilleadh air ais gu suidheachadh nan Eilean, bha e uamhasach misneachail a bhith a’ cluinntinn mu na diofar sheòrsachan spòrs sa bheil daoine òga an sàs agus na h-ìobairtean a tha iad fhèin sam pà rantan deònach a dhèanamh gus an cothrom as fheà rr a thoirt dhan òigridh. Bha sin gu sònraichte follaiseach ag èisteachd ri mà thair Kara Hanlon, Marliyn agus an taic a tha i fhèin san duine aice Davie air a chumail ri Kara a tha a-nis mar phà irt de phrògram treà naidh sgioba snà mh na h-Alba. Tha e follaiseach gu bheil a pà rantan agus an coidse aice DR Dòmhnallach air a bhith uamhasach cudromach airson Kara agus às dèidh tighinn cho faisg air faighinn a-steach gu sgioba na h-Alba airson Geamachan a’ Cho-fhlaitheis, tha i a-nis air a cothrom fhaighinn coltach ri Kerry Nic a' Phì. Coltach ri Kerry tha mi cinnteach gun gabh i là n bhrath air agus gur i an ath rionnag spòrs a bhitheas a’ nochdadh às na h-Eileanan. Mar a tha an dithis sin air a shealltainn tha goireasan, coidseadh agus taic-airgid uile cudromach ach aig a’ cheann-thall feumaidh am miann agus an tà lant a bhith agad cuideachd airson an ìre as à irde a ruighinn.
Farmad a’ dèanamh treabhadh airson Eddie Wolecki Black
Chuir e iongnadh orm a chluinntinn an t-seachdain seo chaidh nach robh coidse sgioba ball-coise Glasgow City, Eddie Wolecki Black air duais manaidsear na bliadhna fhaighinn aig cuirm dhuaisean Comann Ball-coise nam Ban. Seo an treas bliadhna às dèidh a chèile a tha iad air an duais a dhiùlt dha ach bha dùil 'am am bliadhna nach b’urrainn dhaibh a chur seachad air às dèidh dha Glasgow City a’ stiùireadh chun na cairteal cuairtean deireannach dhen Champions League airson a’ chiad uair. Ceà rr! Chaidh an duais gu Debbi McCulloch, manaidsear Spartans a chaill ri Glasgow City ann an Cupa na h-Alba. ’S e na manaidsearan fhèin a tha a’ bhòtadh airson na duais seo ach an uair a tha Wolecki Black air an tiotal a bhuinnig ochd tursan an sreath a chèile agus air na trì duaisean mòra a thogail sna trì seusain mu dheireadh, tha e caran suarach nach eil a bhith a’ diùltadh na duais dha uair is uair? Ach nach fhada bho chual’ thu, ‘s e farmad a ni treabhadh,’ agus a rèir choltais tha sin gu math fìor ann am ball-coise nam ban an Alba.
Broadcast
- Sat 29 Nov 2014 09:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
Lean 91Èȱ¬ Spòrs air X
Spòrs ionadail, nà iseanta agus eadar-nà iseanta bho 91Èȱ¬ Gà idhlig