Episode 2
John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gà idhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gà idhlig a chleachdadh? A bheil sibh a' sireadh fiosrachaidh mu dè tha dol ann an saoghal na Gà idhlig? Ma fhreagair sibh "tha" gu dìreach aon de na ceistean sin 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, prògram ùr gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig air 91Èȱ¬ Radio nan Gà idheal.
Gach seachdain , treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chainnt, tro chòmhraidhean, tro aithrisean agus tro fhiosrachadh a bhios feumail dhuibh a thaobh briathrachais, gnà thasan-cainnt agus abairtean ann an Gà idhlig. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gà idhlig.
A h-uile seachdain cluinnidh sibh Iain ann an còmhradh le neach-ionnsachaidh na seachdain agus cò aige a tha fios, 's dòcha gur e sibhse a bhios ann sna seachdainean a tha romhainn! Ann an Oisean a' Ghrà mair bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar an leabhair Facal air an Fhacal, a' chiad ghrà mair Gà idhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghà idhlig, agus an leabhar ³Ò°ùà ³¾²¹°ù na Gà idhlig, a' mìneachadh dà phuing grà mair. Gheibh sibh cuideachd fiosrachadh mu dè tha dol ann an saoghal na Gà idhlig, gu h-à raid saoghal luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig, bho Robyn Ireland.
John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language, dialects, idioms and sayings. Each week he chats to a learner and finds out about their particular Gaelic learning experience. Also in Beag air Bheag, Dr Michel Byrne focuses on two Gaelic grammar issues and Robyn Ireland provides a weekly roundup of events of interest to Gaelic learners and fluent speakers alike.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
-
Beag air Bheag: Sreath 1: Prògram 2
Duration: 26:57
-
Tar-sgrìobhadh:Maìri Sìne air an Òrdaig
Duration: 01:13
-
Tar-sgrìobhadh: Bà ird a’ Chomuinn
Duration: 00:53
-
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na seachdain
Duration: 07:26
Iain Urchardan
Tar-sgrìobhadh - Bà ird a’ Chomuinn - Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain
Tar-sgrìobhadh - Maìri Sìne air an Ordaig
Mà iri Sìne: Bha na togalaichean a bh’ ann gu math brèagha cuideachd. Anns na dùthchannan sin tha iad uabhasach math air taighean a thogail a tha freagarrach dhan an teas, bheil fhios agad, nuair a thèid thu a-steach dha na taighean tha e fionnar... agus um... dìreach an seòrsa cuimhne a th’ agamsa air Fez gur e à ite brèagha a bh’ ann.
Maureen : Agus cà ite an deach sibh ²¹-°ùè¾±²õ³Ù à s dèidh Fez?
Mà iri Sìne: Chaidh sinn an uairsin gu Rabat... agus an uairsin chaidh sinn gu Marrakesh agus bha sin gu math inntinneach cuideachd. Tha mi smaoineachadh gu bheil Marrakesh a-nise, gu bheil e dìreach là n luchd-turais ach, aig an à m sin, cha robh e cho... cha robh uidhir a dhaoine ann às an Roinn Eòrpa... agus tha à ite mòr, mòr às a’ mheadhan far a bheil a h-uile seòrsa rud a’ tachairt. Tha margaid ann is tha daoine le nathraichean ann agus bha mise a’ cumail pìos air falbh bhuapasan... agus a h-uile seòrsa rud... daoine ag ithe teine is bha an à ite dìreach air ghoil, ...is ceòl a‘ dol is glainneachan beaga teatha.
Oisean a’ Ghrà mair 2
fuaimreag – vowel
Puing 1
mo + fuaimreag
m’ athair - ar n-athairÌý **
d’ athair - ur n-athairÌý **
(a) athair / (a) h-athair * - an athair
* Mar as trice, air beulaibh fuaimreag, cha chluinnear a idir, mar sin:
‘his father’: athair Ìý
‘her father’: h-athairÌý
Ìý
**Ìý Air beulaibh fuaimreag: Ìýar → ar n-
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ìýur → ur n-
Puing 2
Abairtean a tha ag innse cà it a bheil duine/rud:
ri taobh (‘beside’)ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ìým.e. ri taobh na drochaid
air beulaibh (‘in front of’)Ìý Ìým.e. air beulaibh dhaoineÌý
air cùl (‘behind’)ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌým.e. air cùl an doraisÌý
os cionn (‘above’)ÌýÌýÌýÌý ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý m.e. os cionn an taighe
‘beside me’: ri mo thaobhÌýÌýÌýÌý (smaoinich air a’ Bheurla ‘by my side’)
ri mo thaobh - beside me
ri do thaobh - beside you
ri a thaobh / ri a taobh - beside him / her
ri ar taobh - beside us
ri ur taobh - beside you (pl.)
ri an taobh - beside them
‘in front of me’: air mo bheulaibh (smaoinich air a’ Bheurla ‘at my front’)
air mo bheulaibh - in front of meÌýÌýÌý
air do bheulaibh - in front of you
air a beulaibh / air a beulaibh - in front of him / her
air ar beulaibh - in front of us
air ur beulaibh - in front of you (pl.)
air am beulaibh - in front of them
‘behind me’: air mo chùl Ìý(smaoinich air a’ Bheurla ‘at my back’)
air mo chùl - behind meÌý
air do chùl - behind you
air a chùl / air a cùl - behind him / her
air ar cùl - behind us
air ur cùl - behind you (pl.)
air an cùl - behind them
‘above me’: os mo chionn (smaoinich air a’ Bheurla ‘over my head’)
os mo chionn - above me
os do chionn - above you
os a chionn / os a cionn - above him / her
os ar cionn - above us
os ur cionn - above you (pl.)
os an cionn - above them
Ìý
Abairt na Seachdain
Am fear a bhios fada gun èirigh, bidh e na leum fad an latha
Broadcasts
- Sun 26 Oct 2014 21:3091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 29 Oct 2014 12:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 29 Oct 2014 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Nov 2014 10:3091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Jan 2015 21:3091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 21 Jan 2015 12:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 21 Jan 2015 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Jan 2015 10:3091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig le Iain Urchardan.