28/10/2014
A' chiad Chathraiche le Gà idhlig air Cùirt an Fhearainn bho chaidh a stèidheachadh ann an 1912. Featuring the first Gaelic speaking chairperson of the Scottish Land Court.
Tha an Siorram Ruairidh Iain MacLeòid air ainmeachadh mar a' chiad Chathraiche le Gà idhlig air Cùirt an Fhearainn bho chaidh a stèidheachadh ann an 1912. 'S ann do sgìre Mhinginis ann am Port nan Long anns an Eilean Sgitheanach a bhuineas Ruairidh Iain agus chaidh inbhe Morair Mhinginis a bhuileachadh air cuideachd bho chionn ghoirid. Tha Coinneach a' cuir meal-a-naidheachd air agus a'faighinn a-mach beagan mu dheidhinn eachdraidh na Cùirte agus an dleastanas a tha roimhe fhèin.
Tha sinn a'faighinn mìneachadh air mar a thèid aig daoine a tha seachad air leth cheud 'sa còig na peinnseanan aca fhaighinn bhon Ghiblein 2015.
Tha Mata MacÌomhair a'rannsachadh eachdraidh a Swastika agus tha sinn a' faighneachd do dhaoine dè an ceòl a tha a'còrdadh riutha a tha a'toirt togail-cridhe dhaibh air là ithean nuair nach eil iad a' faireachdainn cho sunndach. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Tue 28 Oct 2014 09:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Tue 28 Oct 2014 21:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal