Main content
Sorry, this episode is not currently available

An ann do dh'fhireannaich a-mhàin a tha obair einnseanaireachd? Is a career in engineering only for men?

Tha Naomi Mitchison à Dùn Èideann, a chaidh a cuir air adhart airson duais airson obair einnseanairaidh, ag radh nach eil boireannaich gu leòr a' gabhail uidh anns an dreuchd. Tha Naomi còmhla ri Jessica NicThòmais agus Aonghas Macleòid a' beachdachadh air a' chuspair.

Tha Iain Macleòid agus Ailean Cambeul a' toirt sùil air ais air Mòd 2014 agus iad a' toirt am beachd air dè cho soirbheachail agus a bha e am bliadhna.

Ciamar a tha thu a' fuireach sàbhailte aig muir anns a' Ghàidhlig? The am postair ùr SAFE, aig an RNLI, a-nis ri fhaighinn ann an Gàidhlig agus ruigidh e sgoiltean air feadh na dùthcha far a bheil Gàidhlig air a teagasg. Tha Coinneach Macleòid ag innse mun phròiseact a tha gar cuir air an aon ràmh ri sgoiltean anns a' Chuimrigh agus ann an Éireann.

Chaidh Obar Dheathainn a chuir air an liosta airson an Duais Carbuncle airson an t-àite is gruamaiche 'san dùthaich. Tha triùir a tha a' fuireach 'sa bhaile a' toirt am beachd - Cairistìona McGonigle, Ruairidh Macleòid agus Aonghas MacCumhais. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Tue 21 Oct 2014 21:03

Broadcasts

  • Tue 21 Oct 2014 09:03
  • Tue 21 Oct 2014 21:03