Main content
Sorry, this episode is not currently available

21/07/2014

Tha Eilidh Daniels agus Sìne NicLeòid a' toirt sùil air naidheachdan na maidne còmhla ri Cathy.
Cuideachd Llitir Chun an t-Saighdeir Gun Ainm agus an-diugh tha an litir air a sgrìobhadh le Liam Crouse. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Mon 21 Jul 2014 12:03

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm

18 an t-Iuchair, 1915


Eachainn,  m' eudail,


Chan eil seo idir furasta dhomh, 's leis an fhìrinn, thug e greis mun robh an neart no an tuigse cheart agam air na thachair gu sgrìobhadh. Cha tig na faclan seo idir gu h-èasgaidh, mar a thigeadh dad a sgrìobhainn gad ionnsaigh tron bhliadhna a dh'fhalbh. Cha b’ e seo a' chiad uair a dh'fheuch mi gu sgrìobhadh na litreach seo. Dh'fheuch mi airson greis a-nise, ach cha tigeadh na faclan leis cho mòr 's cho do-chreidsinneach 's a tha an gnothach.


Ó m' eudail a tha thu ann. Cha chuirinn an cèill cho mòr 's a tha sinn gad ionndrainn. Cha b' iongnadh mar a reubadh toll cho domhainn tro ar nàbaidheachd dlùth le teachd aon litir bheag neo-chiontach. Shrac i oirnn mar stoirm ghailbheanach a’ sgapadh sprèidh.


B' e d' athair fhèin a fhuair i, 's a leugh i an toiseach, 's a thuislich an dèidh dha na ciad earrainnean dhi a leughadh. Litir a dh'inns, ann am briathran sgiobalta sìmplidh, naidheachd do bhàis. Dh'fhalbh e an ath-dhoras agus sgaoil am bròn tron nàbaidheachd mar fhalaisg tron a' mhòintich, 's dh'èirich an cràdh 's an caoineadh mar an ceò.


Tha sinn claoidhte sgìth leis gach naidheachd a thigeadh gach seachdain às an Òlaind gun abhsadh bhon a dh'fhalbh sibh an-uiridh. Ar gillean grinn gaolach, dh'fhalbh sibh, guaillibh a chèile, aghaidh ris a' bhlàr. Caraidean uileag a chumadh sibh fhèin slàn sàbhailte còmhla. Cuimhn’ 'am fhathast air a' bhàta a' meathadh thar fàire, ar culaidhean na broinn.


Thig na faclan seo nas fhasa, no, chan ann nas fhasa, ach gun a' cheart uimhir a bhacadh. Thug e greis dhomh tòiseachadh ceart a chur air seo. Cha b' urrainn dhomh leis cho dlùth geur 's a bha an cràdh. Tha e fhathast cho ùr mar gur ann an-dè a thàinig an litir. Bha mi buileach air mo leagail gu làr. 'S thug e greis dhomh sgrìobhadh. Ciamar a thòisichinn?


Dè nì mi, dè nì sinne, às d’ aonais? Bu tu m' aighear 's mo dhòchas. Tha gach nì an-seo ga do thoirt gum chuimhne. An gàrradh a thog thu a' bhòn-uiridh gus Blàrag a chumail bho bhruaich na h-aibhne. An crann leis am b' àbhaist dhut treabhadh na lios. Tha gach nì an-seo mar chuimhneachan ort.


Tha mo bhràthair nas miosa. Thuirt e nach urrainn dha a ghiùlan. Chan urrainn dhuinn uileag. Tha fhios nach tig sinn os a chionn gu bràth, ach tha esan buileach nas miosa. Tha e cho ìosal. An là-romhaid, thòisich e a ghnothaichean a thrusadh 's an cur an òrdugh. Thuirt e gum falbhadh e às an eilean, a' ghabhail an ath bhàta a-null a dh'Ameireagaidh no a dh'Àstràilia no a dh'àite sam bith. Tha e ga chur às a rian. Tha fhios nach urrainn dha falbh, tha e cho fada ann am bliadhnaichean 's nach fhaigheadh e seachad air a' bhòidse. Thuirt e nach bu dùraig leis fuireach fhad 's a rachadh a chàirdean a reubadh bho chèile leis a' chogadh fhaoin seo an dùthaich chèin.


Ach aig Dia tha m' fhurtachd fòs. Bidh mi ag ùrnaigh a là 's a dh’oidhche gun suath an cogadh èitidh aingidh seo thairis òirnn gun sgrios don teaghlach. An teaghlach a dh'altraim mi fhìn. Tha do bhràthair òg an seo agus dùileam a chumail cho fad bhon chunnart ghàbhaidh 's a tha sin nam chomas.


Tha fhios nach till thu gu bràth gus a' bheàrn seo a lìonadh. Fanaidh i falamh gus an Là Luain. Bheirinn mo shaoghal-sa seachad son d' fhaicinn slàn a-rithist. Cha smaoinich mi air càite bheil thu na do laighe an-dràsta, mo bhalach beag, oir tha fhios gu bheil thu an seo, nar measg; beò nar còmhradh 's beò nar n-inntinnean. Is tha mi an dòchas beò gu bheil thu san t-Sìth ghlòrmhor maille Ris-san.


Oir is e Dia fèin as buachaille dhomh, cha bhi mi ann an dìth. Cuimhnichidh mi air na briathran sin, 's chì mi fhathast thu san eaglais air an Dòmhnach a' togail an fhuinn gu brèagha binn. Tha mi air m' fhàgail buileach anfhann nach cluinn mi do ghuth. 'S nach faic mi do choltas. Ach aig Dia tha brath, 's aig Dia tha tuigse, treòraichidh Esan mo cheum.


Do mhàthair.

Broadcast

  • Mon 21 Jul 2014 12:03