Main content
Sorry, this episode is not currently available

18/07/2014

Aileag còmhla ri Janice Ann agus Annabel. An t-seachdain seo tha sinn aig Fèis Cheilteach Innse Gall. Janice Ann and Annabel catch up on the Hebridean Celtic Festival.

Tha Janice Ann NicAoidh agus Annabel Nic'Illinnein beò anns an stiùidio le ceòl, naidheachdan agus spòrs.

Cluinnidh sinn mar a tha Fèis Cheilteach Innse Gall a' còrdadh ris a h-uile duine agus Aileag air a bhith am measg na tha a' dol aig an Fhèis ann an Steòrnabhagh.

Tha Samuel a' toirt sùil air ais air Cupa na Cruinne agus tha Litir Chun an t-Saighdeir Gun Ainm an t-seachdain seo air a sgrìobhadh agus a leughadh le Ruairidh MacDiarmaid. aileag@bbc.co.uk.

57 minutes

Last on

Sat 19 Jul 2014 12:03

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm

Gu Aonghas,


Chan eil mo bheatha ro dhona an seo air an tuathanas. Tha sinn uile a’ faighinn air adhart ach chan eil an t-airgead pailt.


Tha Mam ga fhaighinn duilich oir chan eil i ag iarraidh rud sam bith tachairt dhut mar a thachair dhomh fhèin às dèidh an tubaist a bh’ agam sa chogadh. Tha mo chas a’ faighinn nas fheàrr agus a h-uile latha tha i a’ fàs nas làidire. Tha mi cho toilichte gun tuirt an dotair rium gun dèan mi "full recovery".


Tha sinn a’ dol a Leòdhas an ath-sheachdain a dh’fhaicinn Sean. Gheibh sinn a-mach ciamar a tha e a’ faighinn air adhart. Tha mi an dòchas gum faigh sinn blasad air a’ bhiadh as fheàrr leat; sgadan agus buntàta le deoch mhòr bhainne. Tha sinn an dòchas gun d’ fhuair sibh na rations anns a’ phost agus an nota le ar dealbh.


Bhruidhinn mi ri Anna agus thuirt i gun cuireadh i litir dhan phost an ath-sheachdain. Tha sinn an dòchas nach eil beatha air a’ 'front line' ro dhona agus gu bheil am biadh ceart gu leòr.


A bheil fios agaibh cuin a tha sibh a’ tighinn dhachaigh? Tha sinn an dòchas gum bi thu air ais a dh’aithghearr agus tha sinn a’ cuimhneachadh ort. Tha mi an dòchas nach eil 'trench foot' agaibh. Tha e a’ coimhead gu math goirt.


Tha sinn uile an dòchas gun tèid gu math leibh.


Le gaol,


Bho Mam, Dad agus Eòghainn      


P.S. Cùm sàbhailte

Broadcasts

  • Fri 18 Jul 2014 16:03
  • Sat 19 Jul 2014 12:03