Main content
Sorry, this episode is not currently available

14/07/2014

Tha Marion NicLeòid agus Sarah Fhriseal a' toirt sùil air naidheachdan na maidne. Am measg a' chiùil tha Josh Record, Gabrielle Aplin agus Kid Canaveral. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Mon 14 Jul 2014 12:03

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm

A' Ruairidh,


Tha mi an dòchas gu bheil gnothaichean mar bu chòir a-staigh. Tapadh leatsa airson an litir a chuir thu thugam; bha e math cluinntinn bhuat agus can ri Mam gun do dh’fhàg mi mullach a’ chrannachain fon bheinge; mura biodh i cho dall, gheibheadh i lorg air.


Chan eil mòran a’ tachairt an seo idir. Tha seachdainean air a dhol seachad bhon a ghluais sinn mu dheireadh. Tha mi taingeil gu bheil an geamhradh a’ tighinn gu crìoch ge-tà; cha mhòr nach eil an lathadh fhathast nam làmhan fhad ’s a tha mi a’ sgrìobhadh seo.


Thachair rudeigin aig àm na Nollaig a thug toilicheas dhuinn. Thòisich sinn uile air seinn òrain agus an uair sin, nochd clogaidean nan Gearmailteach bhon trainnse is fear le ball-coise fo achlais. Airson a’ chòrr dhen latha bha sinn ann an siud a’ cluich geama; sinne an aghaidh iadsan. An fhìrinn a th’ agam, a Ruairidh; chan fhaca mi riamh cluicheadairean cho math riutha.


Gach latha bidh sinn a’ leudachadh nan trainnsichean againn agus às dèidh frasan trom an Fhaoillich chan e rud furasta a th’ ann; gach madainn thig mi air ais innte, tha i nas lugha na bha i an latha roimhe leis na thuit de pholl innte.


Tha e doirbh cadal fhaighinn. Saighdearan mun cuairt orm fad an t-siubhail ’s cha socraich iad agus mu dheireadh thall nuair a tha fois anns an àite cluinnidh tu na Gearmailtaich ’s iad cho faisg ri sin. Dh’fheuch mi air rann a sgríobhadh mun ghnothaich:


Nuair shoighn’ mi suas
Air bruach an t-òb
Is dh’fhàg mi m’ eilean
’S mi faoin is òg
Gheall iad splaoid, fealla-dhà
is glòir
Cha chòrd a’ chùis seo
Mar bu chòir.


A-nis seach speal, tha spaid
Na mo làimh
M’ eòlas air feannag a’ toirt
Taic ri mo thrainns’
Saighdear rim thaobh ga smaointinn
Fhèin mar fàidh
A’ coimeas cò ’s fheàrr eadar
Trainnse is tràigh.


Nuair a thachras rudeigin cuiridh mi tuilleadh ris.


Fhuair mi cothrom a dhol air patrol an-dè. Cha robh ann ach mi fhìn is balach à Tìr Mòr. Cha robh mòran Gàidhlig aige is cha do thuig mise a Bheurla ’s mar sin cha robh cus còmhradh eadarainn. Thàinig sinn tarsainn air dithis Ghearmailtich a bha am meadhan locha ann an geòla a’ feuchainn le slat. Chan eil fhios agam ciamar a chùm mi mo ghàire a-staigh às dèidh bhith faicinn an obair a bha iad a’ dèanamh air a’ gheòla, a Ruairidh. Bha iad coltach ri breabadairean. Iomradh na Buirghich, dìreach.


Co-dhiù ’s fheudar dhomh falbh a-nis; can ris a h-uile duine gun robh mi a’ faighneachd às an dèidh.


Cheers an-dràsta,


Calum.

Broadcast

  • Mon 14 Jul 2014 12:03