Main content
Sorry, this episode is not currently available

Naidheachdan na seachdain le Dan Moireach agus Marisa NicDhòmhnaill. A look at the news with Dan Murray and Marisa MacDonald. bbc.co.uk/coinneach.

An-diugh tha Dan Moireach agus Marisa NicDhòmhnaill a' toirt slaic air naidheachdan na seachdain ach feumaidh iad na sgeulachdan a thomhais an toiseach bho na criomagan carach aig Coinneach.

Cuideachd, cluinnidh sibh an litir a sgrìobh Criosaidh Lawson chun an t-Saighdeir gun Ainm. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Fri 11 Jul 2014 23:00

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm

L/Corporal Tarmod Dòmhnallach
2nd Seaforth Highlanders


B’ e tusa bràthair mo mhàthar, Màiri, agus ged nach fhaca mise a-riamh thu, tha d’ ìomhaigh cho soilleir dhomh ’s ged a bhithinn gad fhaicinn gach latha. Bha do dhealbh ann an cèis air a’ bhalla anns an rùm a b’ fheàrr anns an taigh againn – taigh nach fhaca tusa riamh – a chaidh a thogail às dèidh a’ chogaidh. 


Sin mar a tha fios agamsa cò ris a bha thu coltach – na do dheise Airm, leis an fhèileadh - a’ togail do dhealbh ann an Steòrnabhagh còmhla ri do phiuthar, Etta, a bha ann an Sgoil Steòrnabhaigh aig an àm – an deise a dh’iarr thu air do mhàthair a chuir dhan bhàthaich an uair a thàinig thu air leave, gus an deidheadh an deise a ghlanadh. Tha cairt agam a chuir thu gu do charaid, Oighrig a’ Phodalaidh, goirid às dèidh dhut a bhith air leave. Bha ise ann an Sgoil Steòrnabhaigh cuideachd. Sgrìobh thu a’ chairt anns an treinnse air oidhche na Bliadhn’ Ùir 1915 agus tu ’g ràdh rithe gum faigheadh i cothrom eile an gunna agad a ghiùlain air a gualainn an uair a bhiodh an cogadh seachad. An e cianalas an dùil a thug ort sgrìobhadh air an oidhche sin?


Tha beachd mhath agam ort cuideachd bho do litrichean dhachaigh agus tha fiù litir agam a sgrìobh Iain do bhràthair thugad agus esan ann an Obar Dheathain ag ionnsachadh dotaireachd, agus e a’ coimhead às dèidh leòintich ann an sin.


Ann an aon de na litrichean a chuir thu dhachaigh gu do phàrantan tha thu a’ faighneachd a bheil iad a’ cluinntinn à Canada far an robh dithis de do bhràithrean aig an àm sin. Thàinig Uilleam à Canada – na shàirdseant anns na Cameron Highlanders Chanada agus bha e anns an Fhraing agus ann am Belgium gu deireadh a’ chogaidh, a’ faighinn duais DCM airson am platoon aige a shàbhaladh. An dùil an deach e chun na h-uaighe agad ann am Berles-au-Bois? Thug e d’ ainm air a’ chiad nighean aige, Norma. Thug ise d’ ainm air a mac fhèin air sgàth ’s gur e sin a dh’iarr a h-athair oirre. Tha sin a’ sealltainn an t-urram a bh’ aige dhut oir bhiodh tuigse mhath aige air an t-uabhas tron deacha tu aig Ypres. Chaidh esan tro uabhais a’ Somme agus Passchendaele às dèidh dhutsa bàsachadh.


Bha do bhràthair, Dòmhnall, ann an Canada cuideachd agus bha esan na shàirdseant ann am Flying Corps Chanada. Chan fhaca esan creach na Frainge airson chuir iad a Thexas e agus timcheall air Toronto, ri càradh itealain a bha air am milleadh ann an tubaistean. Nuair a phòs e agus a fhuair e balach, thug e d’ ainm-sa air. 


Ach an litir a chaidh a gleidheadh os cionn gach tè, ’s e an litir gu do mhàthair bhon an t-sàirdseant agad, Coinneach MacLeòid, mac Choinnich ’ic Dhòmhnaill à Siabost, ag innse gu mionaideach mar a chaillear thu anns an treinnse le shell Gearmailteach, agus mar a dh’èigh thu ris trì turais mus do shìn thu na ghàirdeanan agus a bhàsaich thu, aig aois aona bliadhna fichead. Thuirt e gun deach do thiodhlacadh mìle gu leth bhon an treinnse agus tha fios againn càite an d’ fhuair thu d’ fhois ann an cladh beag ann a Berles au Bois, ri taobh na h-eaglaise. Chuir e dhachaigh na gnothaichean agad, nam measg d’ uaireadair, a tha aig mo bhràthair an-diugh.


Tha e cho duilich dhuinne an-diugh tuigse dè a bha a’ toirt oirbh falbh cho deònach a shabaid nàmhaid a bha cho fada air falbh anns an Roinn Eòrpa. Chì mi thu na do laighe anns an treinnse a’ sgrìobhadh dhachaigh agus e a’ dèanamh uallach dhut an robh duine aig an taigh a dhèanadh treabhadh na bliadhna agus an robh iad a’ faighinn na bu chòir dhaibh den airgead agad mar shaighdear.


Le pròis.


Criosaidh

Broadcasts

  • Fri 11 Jul 2014 09:03
  • Fri 11 Jul 2014 23:00