Main content
Sorry, this episode is not currently available

Prògram sònraichte mun leabhar ùr aig Mata MacÌomhair mu eachdraidh ball-coise An Rubha. A special programme about Matthew MacIver's new book, the history of Point FC.

An-diugh prògram sònraichte mun leabhar ùr aig Mata MacÌomhair mu eachdraidh ball-coise An Rubha Playing for the Red Jersey: A History of Point FC 1934 - 2014. Thug Coinneach air Mata agus feadhainn eile a bha an sàs anns an sgioba thairis air na bliadhnaichean, Murchadh MacLeòid, Iain Crichton, Cailean MacCoinnich, Alasdair MacLeòid, Tormod Dòmhnallach agus Iain MacSuain, coinneachadh ris aig Ionad Stoodie anns An Rubha airson bruidhinn air an leabhar agus na cuimhneachain aca fhèin air eachdraidh an sgioba nuair a bha iad fhèin a' cluiche dhan Rubha.

Cuideachd cluinnidh sibh na sgrìobh Ailean Caimbeul anns an Litir Chun An t-Saighdeir Gun Ainm. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 9 Jul 2014 21:03

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Ailean Caimbeul

Caileabost,
Sgìre Dhiùireanais,
An t-Eilean Sgìtheanach.


An t-Sultain 1914

Ìý


Alasdair, a bhràthair chòir,


Tha mi ’n dòchas gu bheil thu a’ dèanamh gu math, agus gu bheil cùisean a’ còrdadh riut fhathast. Chòrd an litir agad rium gu mòr; tha farmad agam riut ’s tu faicinn uimhir den t-saoghal! A bheil thu air faotainn a-null thairis a-nise?Ìý


Tha fadachd orm gus am bi mise aois togail dhan arm, agus tha mi ’n dòchas gum mair an cogadh fada gu leòr – bidh mi seachd deug an ath mhìos agus leis gu bheil sinn le chèile mòr tapaidh airson ar n-aois bha Dòmhnall Iain Sheonaidh ag ràdh rium gur dòcha gun d’ rachadh againn air toirt a chreidsinn orra gu bheil sinn naoi-deug. Bhruidhinn mi ri mamaidh mu dheidhinn ach chaidh i às a ciall, a’ cur às a corp mu dheidhinn teaghlach na banntraich mar a bhios cuimhne agad fhèin glè mhath! Shaoileadh tu gur sinne as coireach gun deach ar n- athair a chall aig an iasgach!


Bheil thu fhathast airson feuchainn a-null do dh’Ameireaga? Bhiodh e dìreach sònraichte a dhol a-mach agus obair fhaotainn cuide ri Aonghas bràthair ar màthar, ach chan eil mamaidh idir taiceil fhathast ged a tha i a-nise ag aideachadh gum biodh an t-airgead a chuireamaid dhachaigh air leth feumail dhi fhèin ’s dha na h-ìghnean.Ìý Tha i fhathast ag argamaid nach dèanadh i a’ chùis air obair na croite gun chuideachadh bhuainne ach mar a bha mi ag ràdh rithe an raoir tha thusa air falbh aig a’ chogadh mar-thà agus bidh mise, tha mi ’n dòchas, a’ falbh a dh’aithghearr cuideachd agus feumaidh iad a’ chùis a dhèanamh às ar n-aonais!Ìý Bha mi ag ràdh rithe mun àm a bhios an cogadh seachad toiseach na h-ath bhliadhna gum bi iad air fàs cleachdte ri bhith ag obrachadh ghnothaichean leotha fhèin, agus gum faod sinne togail a dh’Ameireaga deireadh an t-samhraidh seo tighinn. Bidh e fìor mhath airson còig bliadhna no mar sin, nach bi?Ìý Fuirichidh Màiri Anna NicAsgaill gun phòsadh chun an till thu! Bha mi a’ bruidhinn rithe an-diugh ’s nuair a dh’innis mi dhi gun robh mi a’ sgrìobhadh thugad dh’iarr i beannachdan a chur bhuaipe!


Tha cùisean san àbhaist an seo, ged a tha e car aonranach bho dh’fhalbh thu fhèin ’s na balaich eile agus ged a tha sia seachdainean ann a-nise cha do dh’fhàs sinn cleachdte ri bhith às ur n-aonais fhathast. Bha an t-seanair a’ bruidhinn air a’ bheàrn a th’ anns a’ bhaile le còig deug agaibh air falbh agus bha mise ag ràdh ris gu bheil deichnear eile a dh’fhaodadhÌý a bhith a’ togail às nuair a gheibh mi fhìn is Dòmhnall Iain is ar comhaoisean cothrom!


Fhuair sinn a’ mhòine dhachaigh le cairt Dhonnchaidh agus tha am feur air a ghabhail agus anns an iodhlainn. Tha an t-arbhar ag abachadh gu snog agus feumaidh mi faobhar a chur air an speal gus tòiseachadh air buain taobh a-staigh seachdain no mar sin, is tha mamaidh ag ràdh gu bheil Seonag mòr gu leòr gus sguaban a cheangal am bliadhna agus faodaidh Mòrag na h-adagan a dhèanamh.Ìý Ma chumas an aimsir suas tha dòchas againn gun crìochnaich sinn am foghar gu sgiobalta, agus cha bhi romhainn an uair sin ach am buntàta a thogail. Mun àm a bhios sin dèanta tha mi an dòchas gum bi mi ceum nas fhaisge air liostaigeadh agus nach biodh e math a bhith còmhla san Fhraing airson na Bliadhn’ Ùire!Ìý


Sgrìobh nuair a gheibh thu cothrom.


Beannachdan bhuainne uile an-dràsta,


Ailean

Ìý

Broadcasts

  • Wed 9 Jul 2014 09:03
  • Wed 9 Jul 2014 21:03

Gallery