01/07/2014
Cluinnidh sinn mu chuimhneachain ùr Dhonnchaidh Bhà in Mhic an t-Saoir an Dùn Èideann. A new memorial for the bard Donnchadh Bà n has been unveiled in Edinburgh.
An t-seachdain sa chaidh, bha Coinneach ann an Dùn Èideann airson co-là bhairt Rannsachadh na Gà idhlig. Am measg na bha e ris, chaidh e gu Slighe Roxburgh, far a bheil iad air cuimhneachain ùr a chuir air bhog mar chuimhneachan air a' bhà rd, Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir.
Bidh Catriona Lexy Chaimbeul ag innse mun leabhar as motha a thug buaidh air a beatha a bharrachd air a' Bhìoball fhèin, sin Wuthering Heights le Emily Brontë.
Tha an sgrìobhadair DS Moireach an-drà sta ag ullachadh leabhar mu sgadan agus mar a tha diofar dhùthchannan a' deà namh rudan gu math eadar-dhealaichte leis. Thug e sia diofar seorsaichean a-steach agus cluinnidh sibh mar a chaidh dha fhèin, Agnes Rennie, Alasdair MacLeòid agus Coinneach 's iad a' feuchainn orra.
Cuideachd, cluinnidh sibh an litir a sgrìobh Murchadh Peutan chun t-Saighdeir gun Ainm.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Murchadh Peutan
Duration: 03:23
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
Litir gu Alasdair Dòmhnallach, Coill’ Òra, Struthan, An t-Eilean Sgitheanach.
(Alasdair Niall Alasdair) - Brà thair mo Mhà thar
Alasdair a charaid,
Tha nis còrr air ceud bliadhna bhon a dh’fhà g thu do dhachaigh san Eilean Sgitheanach airson a dhol dhan arm. Tha mi cinnteach nach robh iarraidh sam bith agad air an dachaigh fhà gail, ach cha robh obair ri fhaighinn agus b’ fheudar dhut falbh. Chan eil air fhà gail den t-seann dachaigh an-diugh ach an tobhta, ach bidh mi a’ smaoineachadh ort gach turas a thèid mi seachad air anns a’ chà r.
Tha fios agam gu robh thu anns na Sìophortaich agus gun deach do mharbhadh a’ toirt ionnsaigh air Aubers Ridge, faisg air baile beag Festubert anns a’ Fhraing air an 9mh latha dhen Chèitean 1915 aig aois 24. Bidh mi tric a’ smaoineachadh air do phà rantan Niall agus Anna (mo sheanair agus mo sheanmhair) - o na truaghain - cò thuigeas am pian a dh’fhulaing iad nuair a fhuair iad naidheachd do bhà is?
Tha fios agam cuideachd nach d’ fhuaireas riamh sgeul air do chorp. Dè idir a thachair dhut? An do chuir shell na do phìosan dhan iarmailt thu, no an do thiodhlaic do chompanaich thu air an raon agus gun deach an uaigh agad air chall am measg ùpraid agus mì-rian a’ chogaidh. Dòcha gu bheil thu, mar a tha na mìltean eile, nad shìneadh ann an uaigh le clach aig do cheann ag rà dh:
A SOLDIER OF THE GREAT WAR
KNOWN UNTO GOD
Ann an uaigh gun fiù ’s d’ ainm air? Dòcha gun do sheas mi aig an uaigh agad ann an cladh-cogaidh Festubert. Cò aig a tha fios? Air a là imh eile, dòcha gu bheil thu fhathast nad shìneadh air an raon agus gun tèid lorg fhaighinn air do chnà mhan ma bhios luchd-obrach a’ treabhadh no a’ cladhach le digearan. Tha dòighean aig eòlaichean saidheans an-diugh air dearbhadh cò thu le DNA - nach biodh e math na faigheadh sinn an cothrom clach a chuir ort le d’ ainm air!
Bha mise trì tursan aig cuimhneachan Le Touret anns a’ Fhraing, far a bheil d’ ainm - 's e sin 1064 Lance Corporal Alexander MacDonald air a shnaigheadh air leac cloiche, còmhla ri do chompanaich eile air nach eil sgeul. Bidh mi gach turas a tha mi tadhal air an à ite choisrigte seo a’ suathadh d’ ainm le mo là imh, agus gach turas tha faireachadh là idir ag èirigh na mo chridhe gu bheil mi faisg ort, rud a bhios a’ toirt na deòir gu mo shùilean. Ged nach do choinnich sinn ri chèile riamh agus ged nach fhaca mi riamh fiù 's dealbh dhìot, a dh’aindeoin sin tha mi faireachadh cho dlùth dhut anns an à ite sin.
Tha dùil agam tilleadh ann a-rithist an ath-bhliadhna agus tha mi cinnteach gun dùisg sin na h-aon smuaintean na mo chridhe.
Beannachd leat an-drà sta.
Is mise le meas,
Murchadh Peutan (mac do pheathar).
Broadcasts
- Tue 1 Jul 2014 09:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Tue 1 Jul 2014 21:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal