01/07/2014
Air LÃ tha NÃ iseanta Chanada cluinnidh sinn bho Dhaibhidh Byrne a tha ann a Montreal. David Byrne reports on Canada Day celebrations in Montreal.
Cluinnidh sinn bho Dhaibhidh Byrne a tha ann a Montreal 's iad a' comharrachadh LÃ tha NÃ iseanta Chanada.
A' ceannach aodach a tha saor, a bheil e a' dèanamh dragh dhad chogais? Gheibh sinne beachd bho thriùir a tha gu math dèidheil air a bhith anns na bùithtean.
Agus clunnidh sibh an litir a sgrìobh Seona NicilleFhionndaig chun an t-Saighdeir Gun Ainm. Ceòl bho leithid Maroon 5 agus Charlie XCX.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Seona Nic'Ill'Fhionndaig
Duration: 03:04
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
A charaid,
Tha mòran air atharrachadh leis a’ cheud bliadhna a chaidh seachad, ach a bharrachd air sin, tha eòlas againn a-nise nach robh agad fhèin no aig do chom-pà irtichean, far an robh sibhse a’ seasamh ann an 1914. Chan eil fhios agam dè bhiodh sibh airson ionnsachadh. A bheil e nas fhasa dhut smaoineachadh gum bi seo uile seachad ron Nollaig, no am bu chòir dhomh innse dhut gu bheil ceithir bliadhna fada eile de mhurt agus sabaid ri thighinn? Bu mhath leam innse dhut nach tachair a leithid a-rithist, ach ’s e breug a bhiodh ann. Bidh cogaidhean eile ann. Bidh iad eadar-dhealaichte agus atharraichidh teicneòlas na dòighean agus an armachd a thèid a chleachdadh, ach dè an diofar? Chan eil aon cogadh nas fheà rr na fear eile. Aon rud a tha cinnteach, ’s e gu bheil an saoghal againne nas saoire, nas sà bhailte agus nas fheà rr air sgà th na gaisgeachd agaibhse, agus na saighdearan a thig às do dhèidh. Agus a dh’aindeoin sabaid a tha a’ dol air adhart an-drà sta fhèin air taobh eile an t-saoghail, tha dòchas fhathast agam gun tig latha nuair a bhios sìth againn, le gach duine ag aithneachadh am beairteas a tha ann an saoghal le iomadach cultar, cà nan agus creideamh.
Tha an t-eòlas seo agam, ach dè feum a th’ ann dhutsa? Nach urrainn dhomh innse dhut rudeigin a bheir beagan cofhurtachd dhut, no a chleachdas tu gus a bhith nas sà bhailte? Ach, tha e a’ cur iongnadh orm nach b’ urrainn dhomh cà il atharrachadh co-dhiù. Nam faiceadh ceannardan nan dùthchannan a tha a’ cogadh an-aghaidh a chèile an sgrios a tha ri thighinn, an stadadh iad, an smaoineachadh iad mun phà irt a tha iad a’ cluich ann? Gu mì-fhortanach, ’s e eachdraidh a tha ag innse dhuinn mu na mearachdan a chaidh a dhèanamh, agus cha tèid stad a chur orra a-nise. Ach feumaidh fhios a bhith agad: tha sinn air ionnsachadh, agus tha sinn ag obair gus dèanamh cinnteach nach ann gun adhbhar a chaill na mìltean am beatha.
Creididh mi nach ann òirnne, daoine nach d’ rugadh fhathast, a tha thu a’ smaoineachadh san aonranachd, ach air an teaghlach agad fhèin. ’S dòcha gu bheil leannan agad, no bean agus clann. Ged a tha thu moiteil a bhith a dìon do dhùthcha, tha do dhachaigh gu math fada air falbh. Agus fhad ’s a tha thu a’ laighe sa pholl agus san fhuachd, tha thu a’ miannachadh do leabaidh fhèin. Mar sin, ’s ann ortsa a’ smaoineachas mi an-diugh nuair a dh’itheas mi biadh blasta, nuair a nì mi gà ire le mo charaidean, agus nuair a chaidleas mi gu tèarainte na mo leabaidh. ’S ann dhutsa a bhios mi taingeil.
Ged nach eil ainm agad, ged nach eil fios agam cò thu, cò às a thà inig thu, no am bi thu beò nuair a thig crìoch air a’ chogadh seo, tha mi a’ cuimhneachadh ort, mar a tha mi a’ cuimhneachadh air a h-uile saighdear eile gun ainm, ’s gun aodann.
’S ann bho ghrà in a thig cogadh gu bith, ’s mar sin, ’s ann le gaol a tha mi a’ cur an litir seo thugad.
Seona
Broadcast
- Tue 1 Jul 2014 12:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal