Main content
Sorry, this episode is not currently available

23/06/2014

Tha Aideen O' Malley agus Liam Crouse a' toirt sùil air pàipearan naidheachd na maidne còmhla ri Cathy an-diugh. Am measg a' chiùil tha Amber Run, Kings of Leon agus Haley Bonar. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Mon 23 Jun 2014 12:03

Litir chan an t-Saighdeir Gun Ainm le Coinneach MacÃŒomhair

Litir chan an t-Saighdeir Gun Ainm le Coinneach MacÃŒomhair

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm

Ìý
Alasdair no an e Tormod a th' agam?


Tha an dithis agaibh ‘s a’ bhlàr ach 's iongantach gun choinnich sibh a-riamh.


Tha dàimh fala agamsa ris an dithis agaibh ge-ta. Bràithrean mo sheanairean a bh' annaibh.


Alasdair, dh'fhàg thusa Col aig toiseach a' chogaidh. Choisich thu. Cha robh dòigh eile ann. Chaidh thu seachad air Tràigh Chuil agus air Taca Chuil as t-Fhoghar bho chionn ceud bliadhna air ais.


‘S beag a bha ghuth agad gum bitheadh do bhràthair Calum, mo sheanair, agus a charaidean a' rèideadh an tac ochd bliadhna as dèidh sin airson Col Uarach a stèidheachadh.


Bha sin air sgàth nach deach cumail ris na geallaidhean mu dhachaidhean agus talamh dha gach duine, a fhuair sibh an uair a dh'fhalbh sibh.


Sin far na rugadh mise agus far a bheil mi gus an latha an-diugh.


An robh fhios agad an latha sin nach fhaiceadh tu an Ceann a Muigh, Amhainn Chuil neo Amhainn Aonghais tuilleadh. No na h-eathraichean ag iasgach an adaig 's an Loch a Tuath no làithean sona aig an àirigh.


Am bitheadh do smuaintean a' tilleadh air ais gu na làithean dheth bhon sgoil airson buain a' bhuntàta no faing togail nan uain an uair a bha thu a sin am measg clabair, dòrtadh fala agus leòn nach urrainn dhuinne fiùs a thuigs’?


Leth cheud latha, sin uile ‘s an uine a bha gu bhith agad san Fhraing, thu anns na Scots Guards, mar a dh'innseadh iad gu pròiseil aig an taigh. Deireadh na Faoilich agus cha tàinig litir tuilleadh ach tè airson na shoighnig d'athair, mo shinn-sheanair, Coinneach Dhòmhnaill Bhàin, na medals. Thàinig iadsan ach cha tàinig thu fhèin.


Chunna mi d'ainm air a’ bhalla ann a Le Touret. A MacIver. Cha b'urrainn seasamh aig d’ uaidh. Chan eil leac ann, ach tha thu nad laighe an àiteigin fo na briathran "Known to God", mar 400,000 mìle eile.


A Thormoid, mas tusa a tha dha leughadh, lean d'ainm s an teaghlach air sgàth ’s tusa a bhith air do chall. Tormod, bràthair mo mhàthair, am fear a b'òige à Bràgair, a chaillear ‘s an dàrna Cogadh nach robh idir gu bhi ann. Cha robh e ach ochd deug. Tormod mac a pheathar-san a chaochail an Afraga a Deas bho chionn aon bliadhna deug. Mo bhràthair fhèin Dòmhnall Thormoid.


Cha robh thus’ cho òg idir. Fìor dheireadh a' chogaidh a tha a' chlach uaidh ann a Vis en Artois ag innse dhomh. A’ chlach uaighe a tha sealltainn gun robh thu deich thar fhichead an uair a thuit thu air an dàrna latha den t Sultainn 1918. Na 85th Canadians à Albainn Nuadh còmhla ris an robh thu. An e a' Ghàidhlig a bh' agaibh ri chèile?


Ach mo cheist dhut mas tu a tha a' leughadh seo. Carson a shiubhail thu às na Stàitean Aonaichte suas gu Winnipeg airson joinigeadh.


Dè an ceangal cho mòr a bh'agad ri dùthaich a dh'fhàg thu ‘s a' bhochdainn gu ìre agus gun robh thu deònach siubhal còmhla ri mìlltean eile air ais thairis a' chuan gus coinneachadh ri peilear Gearmailteach, agus sin aig fìor dheireadh a' chogaidh?


An ann còmhla riut a chaidh mo sheanair Angie Dhòmhnaill Ruaidh à Barabhas a dh'Ameireagaidh mus do thìll e a phòsadh mo sheanmhair. Dè ma dheidhinn do bhràthair Dòmhnall a chaidh a-null agus nach do thìll tuilleadh a dhùthaich a bhreith?


Thug e smuain orm, a’ chiad duine dhen teaghlach dhan robh e a-riamh comasach seasamh agus ùmhlachd a thoirt dhut. Tha a' chlach ann an sud. Chunnaic mi i ‘s bha sin math. Ach tha mi air m' fhàgail le barrachd cheistean na freagairtean.


Mur a bitheadh còmhradh le m’ antaidh Ina an uiridh cha robh seo air tachairt. Cha robh mi a-riamh air cluinntinn mu do dheidhinn. Agus nach mòr an aobhar smuain sin fhèin. An e pian agus goirteas an dealachadh bu choireach nach bitheadh iad a' bruidhinn ort? No na dh'fhalbh sin an cois a' ghinealaich a dh'fhulaing e?


Alasdair, a Thormoid, dh'falbh sibh agus cha do thìll.


Lean sibh na h-òrduighean a chaidh a thoirt dhuibh.


Cha robh fhios agams’ na mo ghinealach mu 'r deidhinn. Cha deach inns’ dhuinn. Tha sinn duilich an dearmad a tha sinn air a dhèanamh.


Ach tha eagal orm gu bheil mi a' crìochnachadh le naidheachd nach eil ro mhath. Cha do dh'ionnsaich sinn na leasanan.


Cha b'e seo an cogadh ma dheireadh. ‘S iomadh cridhe briste, brùite, a th’air feadh an t saoghail an-diugh fhèin, air sgàth daoine dìleas a' nochdadh urram, spèis agus ùmhlachd do cheannardan a tha ro dheònach an cuid fala a dhòrtadh airson an aobharan fhèin.


Rinn an dithis agaibhse na dh'fheumadh sibh. ‘S tha sibh airidh air ur n’àite ann an eachdraidh. Ach tha a' cheist mhòr orms’ fhathast, ogha dha ‘ur bràithrean ....... carson, carson, carson?


Coinneach

Broadcast

  • Mon 23 Jun 2014 12:03