Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tha Aonghas Dòmhnallach ann an cathair Choinnich an-diugh. coinneach@bbc.co.uk. Angus MacDonald presents today's programme.

Tha Aonghas Dòmhnallach ann an cathair Choinnich an-diugh.

Am measg nan cuspairean th'aig an t-eòlaiche siubhail Daibhidh Byrne, a tha ann an Doha an-dràsta, a' bruidhinn air an t-seirbhis adhar ùr a thòisich eadar Dùn Èideann agus Quatar san Ear Mheadhan an-dè. Bidh an t-seirbheis a' ruith còig tursan san t-seachdain gu prìomh bhaile na dùthcha, Doha. Cuideachd bho chionn ghoirid thòisich itealan air siubhal à Alba gu àitichean leithid Chicago agus Philadelphia.

Tha buaidh aig a' chultar Ameireaganach oirnn ann am Breatainn ann an tòrr dòighean, ach a bheil còir againn a bhith a' gabhail ris an stoidhle litreachaidh aca? Gheibh sinn beachd bhon sgrìobhaiche Aonghas MacNeacail agus Fearchar MacIllinnein.

'S tric a tha aithrisean a' nochdadh anns na naidheachdan mu dheidhinn na pàrtaidhean stag agus hen ann am Breatainn agus an fheadhainn a tha a' siubhal nas fhàide na seo fhèin ach a bheil iad cùs an-diugh? No a bheil iad cho dona 's a tha na meadhanan ag aithris?

Cuideachd tha sinn a' coimhead ri mnathan luchd poilitigs agus an t-àite a th' aca, no an t-àite a bu chòir a bhith aca. A bheil e ceart dhaibh a bhith bruidhinn ris na meadhanan? Am bu chòir dreuchd a bhith aca dhaib' fhèin no an e an dreuchd aca a bhith cumail taic ris na fir aca? bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 29 May 2014 21:00

Broadcasts

  • Thu 29 May 2014 09:03
  • Thu 29 May 2014 21:00