Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dè a tha daoine a' coimhead air a shon ann an deagh thaigh-bìdh? What makes a good restaurant? bbc.co.uk/coinneach.

Dè a tha daoine a' coimhead air a shon ann an deagh thaigh-bìdh. Gheibh sinn beachd bho thriùir a tha air mòran siubhail a dhèanamh air feadh an t-saoghail. 'S iadsan Maureen NicLeòid, Fearchar MacFhionghainn agus Seonag Nic a' Ghobhainn.

Tha e coltach nach eil muinntir na sgìre ann am Barcelona idir toilichte leis an àireamh do luchd-turais a tha a' tadhal ann. Cluinnidh sinn bho dhithis a tha air a bhith ann, Anna KC Nicleòid agus Seumas Mac an t-Sagairt. Cluinnidh sinn bhon t-eòlaiche siubhail Daibhidh Byrne mun a' bhuaidh a th'aig turasachd air bailtean mòra ann an dùthchannan cèin.

Tha Pròbhaist Inbhir Nis Ailig Greumach a' mìneachadh na planaichean a tha fanear do bhaile Inbhir Nis às dèidh an naidheachd nochdadh gu bheil suim airgid luach còig cheud millean not gu bhith air a chosg air obair leasachaidh anns a' bhaile thairis air na ceithir bliadhna a tha romhainn. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 1 May 2014 21:00

Broadcasts

  • Thu 1 May 2014 09:03
  • Thu 1 May 2014 21:00