Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sùil air Rwanda an dèidh 20 bliadhna bho bha na murtan mòra eadar na Hutus agus na Tutsis. A look at how Rwanda survived the genocidal mass slaughter that took place 20 years ago.

Sùil air Rwanda an dèidh 20 bliadhna bho bha na murtan mòra eadar na Hutus agus na Tutsis. Tha Alick John MacIlleathain ag obair aig a' bhuidheann Tear Fund agus tha e air a bhith ann an Rwanda barrachd is aon uair. Cuiridh e na'r cuimhne mar a chaidh co dhiù ochd ceud mìle Tutsi agus deannan math dhen treubh aca fhèin a mharbhadh leis na Hutus anns an t-sabaid.

Leis na Taghaidhean Nàiseanta a' dol anns na h-Innseachan an dràsta, tha sinn a' toirt sùil air sgìrean na dùthcha. An-diugh tha Mairead NicAoidh ag innse dhuinn mu Japur, Mumbai, New Delhi, Punjab agus Goa.

Agus tha sinn air ais anns an tasglan aig prògram Choinnich an-diugh agus sinn a' dol air ais gu naoi ceud deug ceithir fichead agus a còig deug nuair a dhùin an Osdal Sgoile mu dheireadh ann an Steòrnabhagh - Osdal MhicRath. 'S ann aig Dòmhnall MacAoidh, Iain MacChoinnich, Mina Nic a' Ghobhainn, Anna NicFhionghuinn agus Ailig O' Henley a bha na cuimhneachain. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 10 Apr 2014 21:00

Broadcasts

  • Thu 10 Apr 2014 09:03
  • Thu 10 Apr 2014 21:00