Main content
Sorry, this episode is not currently available

20/12/2013

Blas na Nollaig air prògram na seachdain 'sa còmhla ri Janice Ann. bbc.co.uk/aileag. A festive feel to this week's Aileag with Janice Ann.

An t-seachdain 'sa prògram sònraichte a' comharrachadh nach eil ach còig latha air fhàgail gu Latha na Nollaig. Tha sgoilearaan Bhreascleit ann an Leòdhas a' leughadh na litrichean a chuir iad gu Santa agus a bharrachd air a bhith ag iarraidh rudan, thug iad taing mhòr dha airson na preusantan a dh'fhàg e aca an uiridh. Cuideachd dh'innse iad dè am biadh agus an deoch a tha'd a' dol a dh'fhàgail a-mach dha fhèin agus na fèidh.

Cluinnidh sinn mu làrach-lìn iongtach a leigeis leibh sùil a chumail air càite a bheil Santa a' siubhal aig àm sam bith an oidhche ron Nollaig. Saoil an innse e dhuibh nuair a tha e fhèin agus na fèidh faisg air na dachaigh agaibh. Feumaidh sibh èisteachd ri Laura airson faighinn a-mach mun NORAD Santa Tracker.

Tha Sgoilearan Bhunsgoil Chnoc na Creige ann am Baile Dhubhthaich a seinn laoidhean Nollaig - Alleluia agus Rugadh ÃŒosa.

Tha sinn a' tilleadh dhan chidsin airson tuilleadh bèiceireachd agus an t-seachdain 's a tha Annie à Baile Dhubhthaich a' dèanamh cèic liomaid.

Fhuair Laura a-mach dè na dèideagan as mòr-chòrdte a th' anns an bùithean an-dràsta. An dùil an do dh'iarr sib' fhèin gin dhiubh.

Am measg a' chiùil tha Santa Claus is Coming to Town, Christmas Lights agus All I Want for Christmas is You. bbc.co.uk/aileag.

57 minutes

Last on

Sat 21 Dec 2013 12:03

Litrichean gu Santa bho Sgoil Breascleit

Litrichean gu Santa bho Sgoil Breascleit

Clas 5-7 - Bun Sgoil Cnoc Na Creige

Clas 5-7 - Bun Sgoil Cnoc Na Creige

Broadcasts

  • Fri 20 Dec 2013 16:03
  • Sat 21 Dec 2013 12:03