Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhradh, conaltradh agus cnuasachadh gach là. Daily debate and discussion with Kenny MacIver.

A bheil e comasach do chlann nas òige na 7 bliadhna ionnstramaid ciùil ionnsachadh? Togaidh sinn a' chèist le dithis a tha min-èolach air a bhith a' teagasg ceòl anns na sgoiltean: Calum Màrtainn agus Anna Mhoireach.

An dèidh an naidheachd nochdadh gu bheil an craoladair ainmeil aig a' BhBC, Daibhidh Dimbleby, air tattoo fhaighinn airson a' chiad uair aig aois trì fichead bliadhna 's a còig deug, tha sinn a' faighneachd dè an tarraing th'ann a tattoos do dhaoine?

Tha an Dotair Aonghas MacFhionghain a' mìneachadh eachdraidh poliomyelitis, a bhuaidh a th'aige air corp duine agus mar a chaidh cuir as dheth anns an dùthaich seo. Tha eòlas aig Aonghas cuideachd air daoine air a bheil polio.

Tha Còmhairle Baile Ghlaschu air cead fhaighinn bhon a' Phàrlamaid taisbeanaidhean dhen a' chruinneachadh aig Burrell a shealltainn thall thairis. Tha seo an aghaidh toil Bhurrell a dh'fhàg an cruinneachadh mar dhìleab do bhaile Ghlaschu a-mhàin. Am bu chòir dha siubhal? Nochd a' cheist seo an toiseach air ais ann an 1997. An-diugh cluinnidh sinn còmhradh a bh'aig Coinneach ri Ruairidh Moireach agus Calum Aonghas MacAoidh aig an àm. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 13 Nov 2013 21:03

Broadcasts

  • Wed 13 Nov 2013 09:03
  • Wed 13 Nov 2013 21:03