06/11/2013
Beachdan air a' phrogram Autism, Challenging Behaviour a bha air 91ȱ 4 an raoir. A review of the 91ȱ Four program 'Autism, Challenging Behaviour'. bbc.co.uk/feasgar.
Beachdan bho dhithis air a' phrogram Autism, Challenging Behaviour a bha air 91ȱ 4 an raoir. Tha balach òg aig Dolly NicDhòmhnaill à Leodhas a tha a' fulung le autism agus tha ùidh aig Màiri NicAmhlaigh a chleachd a bhith na eòlaich inntinn chloinne anns a' chuspair.
Tha Iain MacNèill a' dèanamh lèirmheas air a' film Philomena. Tha an sgeulachd mu dheidhinn boireanach à Éirinn a chaidh a dh'Ameireaga a' lorg an leanabh a chaidh a thoirt bhuaipe nuair a bha i na deugaire.
Agus tha seachd seachdainean bhon diugh gu Latha na nNollaig agus tha Seonag Nic a' Ghobhainn an seo ann an deagh àm airson tòiseachadh air reasabaidh cèice Nollaig.
Cuideachd tha Carina Niclèoid a' toirt an Comedy Couch dhan Lanntair ann an Stèornoabhagh Disathairne 'sa tighinn. Ach chaneil i na h-aonar agus i air line up do dhaoine sònraichte eile a chuir air dòigh a bhios còmhla rithe a tha dearbhte gàire a thoirt air aodain dhaoine. Nam measg tha Anna Devitt, John Gavin, Gayle Telfer Stevens agus Sir Reginald Tweedy Duffer.
Am measg a' chiùil tha Emma Stevens, Haim agus The Script. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Mìlseag Nollaig
Gritheidean
4 Unnsaichean mìn-fhlùr lom
8Unnsaichean criomagan arain (donn no geal no measgachadh dhen dà chuid)
8Unnsaichean ìm
8Unnsaichean siùcar bog donn (dorcha no soilleir)
1Punnd fìon-dearc sheacte
8Unnsaichean raosaran
8Unnsaichean currain air an sgrìobadh gu mìn
½ Spàin-bheag spìosraich measgaichte
½Spàin-bheag cnò-mheannt pronn
Gòmag sallain
3Uighean
1Sùgh agus rùsg Liomaid
2Spàin-mhòr Ruma no Branndaidh
ò
Measgaich an t-ìm agus an siùcar còmhla ann am bobhla gus a bheil coltas uchdar air. Cuir ann an còrr dhen stuth agus measgaich gu math.
Dèan deiseil bobhla/bobhlaichean agus roinn am measgachadh eadar iad. Còmhdaich na bobhlaichean le pàipear donn no foidhle-tiona agus ceangal sreang mu thimcheall nam bobhlaichean gus làmhrachan beag a chruthachadh. Tha seo feumail airson a’ mhìlseag a thoirt às na na bobhlaichan.
Bruich airson eadar dà agustrì uairean a thìde an toiseach agus as dèidh sin bruich a-rìthist airson uair a thìde eile.
Cèic Nollaig
Gritheidean
14unnsa mìn-fhlùr lom
12unnsa siùcar bog donn
12unnsa ìm
6uighean
2spàin-teatha spìosraich measgaichte
1spàin-mhòr de trèicil
3spàinean-mòra branndaidh
2 ½measan measgaichte
4unnsaichean rùsg orainds agus liomaid air an sgrìobadh agus air am measgachadh
8unnsaichean siristean air an gearradh nan lethean no nan cairtealan
4unnsa cnò-almoin pronn
ò
Bog nam measan anns a’ bhranndaidh agus fàg airson aon oidhche.
An ath latha measgaich an t-ìm agus an siùcar còmhla ann am bobhla agus cuir ris na cnòthan-almoin pronn, na spìosraich measgaichte agus an trèicil. Cuir ris na h-uighean air am bualadh agus a’ mhin a’ cuir ann beagan dhen ugh an toiseach agus an uairsin beagan min ga mheasgachadh mar a tha thu a’ dol air adhart gus a bheil e uile ann. Cuir ann na measan agus a’ branndaidh agus dèan cinnteach gun tèid a dheagh mheasgachadh.
Cleachd tiona cearnagach meud 9” no 10” ann an cumadh cearcall. Còmhdaich an tiona le dà phìos pàipear parchment. Tha seo nas fheàrr an àite pàipear-donn a chleachdadh oir nì e cùisean nas fhasa nuair a thig e gu bhith ga chòmhdach aig an deireadh.
Ceangail pìos pàipear donn air oir an tiona agus cumaidh seo an cèic gun losgadh.
Dòirt am measgachadh dhan an tiona agus a’ cleachdadh cùl spàin agus rèitich am mullach gus a bheil e còmhnard.
Còmhdaich am mullach an uair sin le pàipear donn airson dèanamh cinnteach nach tèid a a dòthadh.
Teasaich an àmhainn gu ìre 140°c/275°f/comharra gas 1 agus còcairich gu slaodach airson ceithir uairean a thìde agus còig deug mionaid no ceithir uairean a thìde agus dà fhichead sa còig mionaid (4 ¾ ).
Nuair a tha thu a’ smaoineachadh gu bheil i deiseil brùth bior-ròstaidh innte airson dèanamh cinnteach gu bheil i air còcaireachd.
Nuair a tha an cèic gu tur fuar còmhdaich le pàiper donn agus cuir ann am bocsa no tiona dìonach i. Cùm ann am preasa agus ma tha thu ag iarraidh cuir tuilleadh branndaidh innte. Le bior-ròstaidh mullach a’ chèic agus dòirt spàin-mhòr no dhà de bhranndaidh thairis a’ chèic.
Broadcast
- Wed 6 Nov 2013 12:0391ȱ Radio nan Gàidheal