14/10/2013
A' chiad leth dhen t-shlighe à Ghlaschu gu Pà islig a' leantainn Rathad Phà islig an Iar. The first half of the road to Paisley from Glasgow following the Paisley Road West.
A' chiad leth dhen t-shlighe à Ghlaschu gu Pà islig a' leantainn an rathad ainmeil Rathad Phà islig an Iar. A' stiùireadh Choinnich tha Marina Craig, Aonghas MacGuaire, Mà iri Bell NicDhòmhnaill agus Dòmhnall MacRuairidh. Am measg nan seallaidhean a chunnaic iad air an cuairt bha là rach bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid a ghluais am bà rd ainmeil Dòmhnall Ruadh Phà islig gu sgrìobhadh. Air rèir 's choltais bha a h-uile rud a dh'ainmich e dha rìribh anns a' bhùth:
Gheibh thu searbhadair shìos, gheibh thu siabann is bùrn,
'S los gum falmhaich thu mhias, tog a' chìochag 'na grùnnd.
Gheibh thu sgà than is cìr 's rud a shlìobas a-nùll,
'S a their loinn air do cheann, ged bhiodh sgall air gu chùl
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.
Thadhail iad cuideachd aig Toll Ghlaschu, an Copeland Road agus Ibrox. Ach an rud is inntinniche a fhuaireas a-mach se na bha do Ghà idheil a' fuireach air Rathadh Phà islig an Iar, cuid aig an robh fiùs ghnìomhachasan air an rathad mar bùth chips, taigh seinnse agus bùth bùidsear. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Mon 14 Oct 2013 09:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Mon 14 Oct 2013 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal