Main content
Sorry, this episode is not currently available

04/10/2013

An t-seachdain seo tha Aileag a' comharrachadh World Space Week. bbc.co.uk/aileag. Aileag marks World Space Week.

Dèanaibh deiseil airson lift off agus Aileag a' comharrachadh World Space Week an t-seachdain 'sa. Tha sgoilearan a' Bhac ann an Leòdhas air cothrom fhaighinn ceistean a chuir air Aonghas Dòmhnallach aig a bheil uidh mhòr ann am fànas agus cùisean a tha buntainn dhan chruinne-cè.

Nas fhaisg air talamh tha Laura às An Rubha ann an Leòdhas air a bhith trang anns a' chidsin agus ise
a' bèicearachd aran-coirce.

Tha tiotal mì-fhortanach air an leabhar anns an robh sròin Sian à Inbhirnis fodha an t-seachdain 'sa - Mr Stink le David Walliams. Tha an sgeulachd a' tòiseachadh le Chloe a tha dusan bliadhna agus i a' bruidhinn ri tramp air a bheil an t-ainm Mr Stink. Ach tha a màthair air a casg a chuir air Chloe bruidhinn ri daoine dheth sheòrsa. An gabh Chloe a comhairle? Feumaidh sibh èisteachd!

Cuideachd tha Calum MacConail air ais le fiosrachadh air ionnsramaid eile, an t-seachdain 'sa an fhìdeag. Sin uile again ceòl gu leòr cuideachd. bbc.co.uk/aileag.

57 minutes

Last on

Sat 5 Oct 2013 12:03

Sgoilearan a' Bhac

Sgoilearan a' Bhac
Sgoilearan a' Bhac a bha a' faighneachd ceistean mun na speuran.

Broadcasts

  • Fri 4 Oct 2013 16:03
  • Sat 5 Oct 2013 12:03