01/10/2013
An-diugh cus uallach air nursaichean a-rèir Colaiste Rìoghail nam Banaltraman. The Royal College of Nurses has said that nurses are under so much pressure, they are getting ill.
Tha Colaiste Rìoghail nam Banaltraman air rannsachadh a dhèanamh air nursaichean a tha a' sealtainn gu bheil an ìre dhen uallach a th'orra cho mòr 's gu bheil an slà inte fhèin a' fulang. Tha Agnes Rothach agus Davina Matthews a tha nam banaltraman a' toirt am beachdan.
Tha Seòras Osborne air planaichean ùr fhoillseachadh airson daoine a tha air a bhith a' togail sochairean cion-obrach airson barrachd air dà bhliadhna. Dè a bhios seo a ciallachadh do dhaoine a tha mur thrà th ann an staing airgid. Tha Iain MacFhionghuin agus Carol McGlone eòlach air a bhith ag obair an lùib dhaoine a tha an urra ri sochairean.
Tha riaghaltas na Spà inn an dùil na h-uairean obrach as an dùthaich atharrachadh a chuireas às dhen a' siesta. Tha na riposos fhathast anns an Eadailt cuideachd, ach saoil dè cho fada? Gheibh sinn beachdan bho Chatriona Zoltowska anns an Spà inn agus agus Aideen O' Malley aig a bheil fìor eòlas air an Eadailt.
Thog deasbad nan gunnaichean anns na Stà itean Aonaichte ceann a-rithist air prògram Choinnich bho chionn seachdain as dèidh an sgrios a chaidh a dhèanamh ann an Washington aig togallach a' Nèibhidh. Bha Chuck Tripp ag èisteachd rinn ann an Alaska agus tha esan gu mòr a' creidsinn gu robh còir aig cead a bhith aig daoine aig a bheil gunna agus mìnichidh e carson a tha e cho mòr dhen bheachd sin. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Tue 1 Oct 2013 09:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Tue 1 Oct 2013 21:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal