02/09/2013
A' cuimhneachadh air a' bhà rd chliùiteach Seamus Heaney a chaochail Dihaoine sa chaidh. Marking the life and work of poet Seaumas Heaney, who has passed away.
A' cuimhneachadh air a' bhà rd chliùiteach Seamus Heaney a chaochail Dihaoine sa chaidh aig aois trì fichead 'sa ceithir deug. Bha mòran dhen bheachd gur e Seamas Heaney am bà rd a bh'fheà rr a bha ann an Èirinn bho bha WB Yeats beò. Fhuair Heaney an duais Nobel airson Litreachas ann an 1995 "for works of lyrical beauty and ethical depth, which exalt everyday miracles and the living past". Bha Heaney air a bhith tìnn bho chionn deagh ghreis. Sgrìobh e cruinneachadh do bhà rdachd - The Human Chain - an dèidh dha stròc a ghabhail ann an 2010 agus se an tinneas a bha air a bhrosnaich aon de na pìosan bardachd anns a' chruinneachadh - The Miracle. Tha triùir a' cuimhneachadh an dà chuid air Heaney an duine agus a' chuid bà rdachd - Pà draig MacAoidh, Dòmhnall Meek agus Aonghas Phà draig Cambeul.
Tha Litir na seachdain seo a' tighinn às an Niribhidh còmhla ri Mà iri NicNèill-Lande.
Agus tha buntanas mòr aig batal na seachdain 'sa ris an Niribhidh cuideachd agus i gar toirt gu Largs ann Siorrachd Inbhir Adhar - air an deicheamh latha fichead den t-Sultainn 1263 chaidh deannan shoithichean Niribheach leis na creagan faisg air costa Inbhir Adhar ann a fìor dhroch thìde. Air an dà rna latha den t-Samhain, fhads a bha na Niribhich a' cà radh nam bà taichean, nochd prìomh arm Alba agus Alasdair Dhùn Dòmhnaill air an ceann. Thòisich fìor shabaid air an trà igh eadar na Lochlannaich agus na h-Albannaich. Ach cò ma dheidhinn a bha'd a' sabaid? Se sin a mhìnicheas Iain Macamhlaidh dhuinn.
Tha sinn a' toirt sreath nan tractaran gu crìoch agus sinn a' foighneachd do Choinneach (Denis) Chambeul, Iain Macleòid agus Robert Dòmhnallach dè dìreach an tractar is fheà rr airson na h-obrach? bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Mon 2 Sep 2013 09:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Mon 2 Sep 2013 21:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal