Main content
Sorry, this episode is not currently available

An-diugh goireas ùr dhuibhse a tha dèidheil air golf: an Golfboard. bbc.co.uk/coinneach. Time to put the fun back into golf, cruising at 12 miles per hour on the Golfboard.

An-diugh goireas ùr dhuibhse a tha dèidheil air golf: an Golfboard. Tha cluicheadair golf ann an Seattle air an Golfboard a chruthachadh air an urrainn dhut siubhal air feadh a' chùrsa golf aig dusan mìle 'san uair. Air rèir Paul Hodge, a dh'fhàs searbh dhen spòrs, tha an Golfboard a' cuir spionnadh air ais dhan gheam. Cluinnidh sinne bho thriùir a tha, no a bha, a' cluiche golf am beachdan air a leithid a rud.

Carson a tha gràin aig cuid a dhaoine air clann ann an àiteachan-bìdh. Tha taigh-bìdh ann an Texas air casg a chuir air clann bho aois ochd bliadhna a thighinn ann as dèidh seachd uairean a dh'oidhche agus tha café ann an Lunnainn a' cuir coire air yummy mummies gu bheil iad air an t-àite aca a mhilleadh. Mar sin, am bu chòir pàrantan stad a thoirt clann do dh'àiteachan-bìdh? Cluinnidh sinn beachd triùir air a' chuspair.

Bha Proms in the Park air aig an deireadh sheachdain far an do sheinn a' mezzo-soprano Ameireaganach Joyce DiDonato. Tha Dòmhnall Mhìcheil Macaonghais a' mìneachadh dhuinn dè dìreach a tha guth mezzo-soprano a' ciallachadh ann an saoghal a' chiùil.

Tha Iseabail Nic an t-Sagairt agus Murchadh Cambeul a' bruidhinn air gnìomhachas na deochan agus na companaidhean leis a bheil iad. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Tue 10 Sep 2013 21:03

Broadcasts

  • Tue 10 Sep 2013 09:03
  • Tue 10 Sep 2013 21:03