Main content
Sorry, this episode is not currently available

Cuairt air Caisteal Leòdhais agus an dàrna earrainn dhen obair togail gus toiseachadh. A tour of Lews Castle in Stornoway as the next stage of the building work commences.

Chaidh Caisteal Leòdhais a chleachdadh mar àite-còmhnaidh, mar ospadal agus bho chionn trì fichead bliadhna air ais dh'fhosgail i mar sgoil. Ach bho chionn bliadhnaichean mòr a-nis tha an caisteal air a bhith falamh agus a' tuiteam as a chèile. An-diugh tha Coinneach MacIomhair air cothrom fhaighinn cuairt a ghabhail timcheall a' chaisteal agus i a-nis aig ìre far a bheil an dàrna earrainn dhan obair togail dìreach gus tòiseachadh. Anns a' phrògram tha seann eòlaich air an àite air tilleadh air ais còmhla ri Coinneach airson cuimhneachadh air na lathaichean sona a chuir iad fhèin seachad ann nan sgoilearan agus nan luchd obrach. Iain MacÌomhair a bha na sgoileir agus a dh'fhuirich fo na cabair, Mal MacLeòid a bha a' teagasg obair-aodaich, Cathie NicUilleam a bha na còcaire, Murchadh MacLeòid a bha a' teagasg obair einnseanaireachd, An Caiptean Calum MacIlleathain a bha a' teagasg maraidheachd agus Catriona Stiùbhart a bha cuideachd a' fuireach ann. B'e athair Chatriona a bha aig aon àm na cheann-sgoile air a' chaisteal. Fhuair Coinneach cuideachd facal ri Jo Mac a' Phì, Ceannard Leasachaidh Eaconamachd Chomhairle nan Eilean Siar. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Tue 13 Aug 2013 21:03

Broadcasts

  • Tue 13 Aug 2013 09:03
  • Tue 13 Aug 2013 21:03