Main content
Sorry, this episode is not currently available

09/08/2013

Prògram sònraichte à Fèis Dhùn Èidinn le Cathy NicDhòmhnaill. An Edinburgh Festival special programme with Cathy MacDonald.

An-diugh an dàrna prògram à Fèis Dhùn Èidinn le Cathy NicDhòmhnaill. Air chlàr 'sa phrògram tha iomradh air a' chòmhlan Capercaillie a tha a' comharrachadh deich thar fhichead bliadhna le clàr ùr agus cuirmean aig fèisean air feadh na Roinn Eòrpa. Tha'd air ais nan dùthaich fhèin an dràsta agus chaidh Angela NicEachainn a dh'èisteachd riutha. Cluinnidh sinn a bheil iad cho math 'sa bha'd riamh. Tha am bàrd Aonghas MacNeacail air a bhith a' faighinn a-mach mun litreachas aig an fhèis agus tha Màiri E Nicleòid agus Mìcheal Klevenhaus air a bhith am bogadh ann a' Fèis nan Leabhraichean. Cuideachd chaidh Muireann Kelly dhan taigh-chluiche a dh'fhaicinn Ulysses. Cluinnidh sinn dè cho fìor 'sa tha na lèirmheasan a tha a' radh gu bheil an dealbh-chluiche seo, a chaidh a sgrìobhadh le James Joyce, cho èibhinn agus gu seachd
h-àraid anns na h-iomraidhean cleamhnasach. Am measg a' chiùil Caro Emerald, James Blunt agus Kings of Leon. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 57 minutes

Last on

Fri 9 Aug 2013 12:03

Broadcast

  • Fri 9 Aug 2013 12:03