Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgeulachd nan tractaran aig Aonghas Iain Moireasdan a Eòlaigearraidh ann am Barraigh. Daily debate and discussion with Coinneach MacIomhair.

'S ann air Eòlaigearraidh ann am Barraigh tha sinn a' tadhal anns an t-sreath mu thractaran agus na daoine leis a bheil iad. An t-seachdain-sa 's iad na tractaran aig Aonghas Iain Moireasdan air a bheil sinn a' toirt sùil.

Agus anns an t-sreath air batail tha sinn a' dol air ais a dh'Earra Ghàidheal far a bheil Iain MacPhàrlain ag innse dhuinn mu bhlàr a thachair ann an 1538 - Blàr Dhaileag.

Tha sinn air slighe coiseachd ann an Loch Sgiobart còmhla ri Dòmhnall Iain Camshron agus a' faighinn facal le dithis aig a bheil cuimhne air a' cheàrnaidh seo bho làithean an òige. Agus a' cuimhneachadh air A' Gharbh Leathad anns an sgìre sin tha Dòmhnall Iain MacIllFhaolain à Loch a' Chàrnain, a rugadh 's a thogadh ann, ach a dh'fhàg an t-àite 's gun e ach naoi bliadhna a dh'aois.
bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Mon 22 Jul 2013 21:00

Raon Blàr Dhaileag

Raon Blàr Dhaileag
Faisg air Taigh an Uillt

Broadcasts

  • Mon 22 Jul 2013 09:03
  • Mon 22 Jul 2013 21:00

Gallery