Main content
Sorry, this episode is not currently available

An-diugh a bhuaidh a tha aig sgiobaidhean telebhisean air sgìrean iomallach. We look at the impact of TV production companies on small communities.

An-diugh a' bhuaidh a tha aig sgiobaidhean telebhisean air sgìrean iomallach bho thaobh turasachd, econamaidh, brosnachadh sgrìobhadairean agus luchd cleasachd.

Dè cho mòr agus a tha sibh air ar beò ghlacadh leis an teanas am bliadhna? Tha cuid a' radh nach urrainn dhut do mhàs a thogail far an t-sòfa aon uair agus gun tòisich thu ga choimhead. An ann mar sin a tha cùisean am bliadhna aig Wimbledon. Cluinnidh sinn beachd triùir air Wimbledon 2013 gu ruige seo -Mairead NicIlliollain, Calum MacConail agus Mòrag Rois.

Cuideachd tha Coinneach a' cuir mealla-naidheachd air Peigi Anna Chaimbeul à Bhatarsaigh air an deachaidh am BEM a bhuileachadh airson a h-obair aig Oifis a' Phuist fad còrr is leth cheud bliadhna.

Agus tha Daibhidh Cameron ann an Kazakhstan an dràsta. Gheibh sinn a-mach an tuilleadh mu dheidhinn an àite, na daoine, an cultar 'san cànan bho Mhurchadh Macleòid a chuir eòlas air an dùthaich nuair a bha e fhèin ag obair ann. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Tue 2 Jul 2013 21:03

Sealladh bòidheach

Sealladh bòidheach
Sealladh bòidheach air an t-slighe gu Bhatarsaigh.

Stampa

Stampa
Stampa a' bhios Pèigi Anna a' cleachdadh  ann a Oifis a' Phuist ann an Bhatarsaigh.

Pèigi Anna Chaimbeul

Pèigi Anna Chaimbeul
Pèigi Anna Chaimbeul ag obair ann an Oifis a' Phuist ann an Bhatarsaigh.

Broadcasts

  • Tue 2 Jul 2013 09:03
  • Tue 2 Jul 2013 21:03