Main content
Sorry, this episode is not currently available

28/06/2013

Dè na buannachdan a tha an cois an app ùr Snapchat agus dè nach eil cho ma mu dheidhinn. What are the good and bad points of a new app called Snapchat?

Carson a bhiodh na h-uidheir a dhaoine, a' chuid mhòr dhiubh deugairean, ag iarraidh dealbhan agus videothan a chuir gu chèile nach fhaic duine eile a chaoidh. Dhan fheadhainn as aosda na'r measg ma dh'fhaodte gun tuig sinn carson. Tha daoine air a bhith a' cuir teachdairean pìosal gu chèile airson ùine mhòr, ach gu mi fhortannach tha agus a nàrachadh dhaoine leis na teachdairean sin aig àm eile. Ach tha app ùr air a' mhargaidh a-nis a chuireas as do dhealbhan agus videothan diogan an dèidh dhut an cuir air falbh. Mìnichidh Dòmhnall Dòmhnallach dè a tha cho math agus dè nach eil cho math mu Snapchat.

Tha sreath ùr a' tòiseachadh an-diugh a' coimhead romhainn air na Fèisean a tha a' dol air feadh na Gàidhealtachd thairis air an t-Samhradh. Tha Calum Ailig Mac a' Mhaoilein, Manaidsear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal a' cuir an t-sreath seo gu dol. Am measg na còmhraidhean aige an-diugh tha Blas, Cèilidhean air Chuairt agus Fèis Sgoil Shamhraidh Dràma.

Cuideachd air aoigheachd fad a' phrògram an-diugh tha Màiri Nicleòid a bhuineas dhan Bhac ann an Leòdhas.

Am measg a' chiùil tha Michael Bublé, Close Your Eyes agus London Grammar, Wasting My Young Years. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 57 minutes

Last on

Fri 28 Jun 2013 12:03

Broadcast

  • Fri 28 Jun 2013 12:03