04/04/2013
A bheil an aimsir fhuar a' toirt buaidh air à m breith nan uan? Is the cold weather affecting the lambing season? bbc.co.uk/coinneach.
A bheil an aimsir fhuar a' toirt buaidh air à m breith nan uan - thèid sinn air chuairt tro Leòdhas, Uibhist, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Maruibhe airson faighinn a-mach a bheil na caoraich agus na h-uain a' dèanamh a' ghnothaich air an droch thìde. A bheil sibh air fàs searbh de Facebook fhathast? Tha coltach gu bheil còrr agus tri fichead neach as a' cheud air cùl a chuir ris a' mheadhan shòisealta seo. Gheibh sinne a-mach bho thriùir a tha a' cleachdadh FB - Seònaid NicDhòmhnaill, Laura NicIllinnein agus Megan NicGill-Fhaolain de am beachd fhèin - saoil an e na likes no unlikes a gheibh a' bhòt? Cuideachd an-diugh, cò agaibh a bhios air bhioran Disathairne sa tighinn airson geall a chuir air an Grand National? Tha dà chridhe a bhios a bualadh gu math cruaidh air a' cheart là sin - Jim Dòmhnallach agus Doneil Macleòid agus innsidh iad do Choinneach mun toileachas agus am briste dùil a tha an lùib an rèis seo. Agus cuiribh mealla-naidheachd air a' mhobile air chionns tha dà fhichead bliadhna an t-seachdain 'sa bhon a chaidh a' chiad bhriathran a' radh air an uidheam iongtach seo a tha air iomadh dòigh beatha dhaoine atharrachadh. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Clip
-
Àm breith nan Uan
Duration: 15:02
Broadcasts
- Thu 4 Apr 2013 09:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Thu 4 Apr 2013 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal