Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 4

Episode 4 of 8

Fun and banter galore as two teams compete in a battle of wits over words, phrases and proverbs, with Hugh Dan Maclennan trying to maintain order!

Spòrs agus dibhearsain gu leòr is dà sgioba a' dol an aghaidh a chèile gus faicinn cò is eòlaiche air faclan, abairtean is seanfhaclan na Gàidhlig. An t-seachdain seo bidh Màiri NicAmhlaigh ann an cuideachd Iain MhicIllemhìcheil agus Ailig Dòmhnallach a' cumail taic ri Màiri Anna NicDhòmhnaill, le Ùisdean MacIllInnein a' cumail rian orra uile.

Plenty of fun and banter as two teams compete in a battle of wits over Gaelic words, phrases and proverbs. Mary MacAulay joins John Carmichael and Alec Macdonald teams up with Mary Anne Macdonald, with chairman Hugh Dan Maclennan attempting to maintain order.

30 minutes

Màiri Anna NicDhòmhnaill is Ailig Dòmhnalllach

Màiri Anna NicDhòmhnaill is Ailig Dòmhnalllach

Màiri NicAmhlaigh is Iain Mac'illeMhìcheil

Màiri NicAmhlaigh is Iain Mac'illeMhìcheil

Uidhpear

Gheibhear uaipear uaireannan cuideachd, is ged nach eil e soilleir cò às a thàinig am facal, cha mhòr nach eil am fuaim fhèin na dhealbh air dè a tha e a’ ciallachadh. Is dè a nì uidhpear? Uidhpearachd! Cluinnear uaireannan e mu dhaoine a bhios a’ buain mhònadh is a bhuaineas mòine gharbh, churs is a sgaoileas i ann an dòigh nach eil cianail grinn! Cleachdar e cuideachd mu shaor nach eil uabhasach sgileil, no mu dhuine sam bith a tha rudeigin amh is aineolach is nach cuir rudan às a làmhan ann an dòigh ro shnasail.

Logais

Tha, no bha, ‘logais’ ann an Earra Ghàidheal a’ ciallachadh bròg fhuasgailte a tha air a brèideadh ri chèile. Tha ‘logaiseach’ aca cuideachd, a’ ciallachadh coiseachd ann an dòigh mhì-sgiobalta, cas-ma-sheach - mar a dhèanamh tu, tha mi creidsinn, nam b’ e ‘logais’ a bha air do chasan an àite ‘lòrns’.

Ann an ceàrnaidhean eile tha ‘logais’ a’ ciallachadh duine mòr, mì-sgiobalta – slaod no bumailear duine nach eil snasail an dòigh sam bith – an seòrsa duine a chleachdadh ‘logais’ air a chasan, ‘s dòcha.
Tha logais cuideachd uaireannan a’ ciallachadh rud mì-sgiobalta sam bith.

Faclan ùra

Clisg-phuing - exclamation mark
Sgudal-dealain - junk mail
Seach-rathad - bypass, byway
Trasdan - diagonal; crossbeam; crozier; crutch; stilt
Iomall-bhaile - suburb

Credits

Role Contributor
Presenter Hugh Dan MacLennan
Participant John Carmichael
Participant Mary Anne Macdonald
Participant Alec MacDonald

Broadcasts