91Čȱ¬

Explore the 91Čȱ¬
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 DĂ mhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhĂ in

Cuairtean


91Čȱ¬ 91Čȱ¬page
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ěý

Caisteal Inbhir Gharraidh
Sìleas na Ceapaich

Caisteal Inbhir Gharaidh
© John Duncan

Chan eil fios le cinnt air bliadhna a breith no a bàis, ach thathas den bheachd gun do rugadh Sìleas na Ceapaich mu 1660 agus gun do chaochail i mu 1729. B' e a h-athair Gilleasbaig, Mac Mhic Raghnaill, an 15mh triath aig Clann 'Ic Raghnaill, no Dòmhnallaich na Ceapaich.

Sa bhliadhna 1865 phòs i Alasdair Gòrdanach, fear aig an robh tuathanas ann an Camdail, mu mhìle tuath air far a bheil Tom an t-Sabhail an-diugh. An ceann ùine, chaidh iad a dh'fhuireach gu Baile Dhòrnaidh faisg air Hunndaidh. Chan eil cinnt dè an teaghlach a bh' aca, ach saoilear bhon bhàrdachd aice gun robh còignear mhac agus triùir no ceathrar nigheanan aca.

Chaochail Alasdair sa bhliadhna 1721. Goirid an dèidh sin, thàinig tinneas air Sìleas fhèin ach, gu fortanach, fhuair i seachad air. An dèidh bàs Alasdair, thàinig atharrachadh mòr air sealladh Shìlis air creideamh, is dòcha ri linn an tinneis. Chùm i ri dòighean-adhraidh Caitligeach a daoine fhèin fad a beatha.

Tha e follaiseach san sgrìobhadh aice gur e Seumasach daingeann a bh' innte, agus gur ann tro shùilean nan Dòmhnallach a bha i a' faicinn na bha a' tachairt na là. Tha doimhneachd de fhaireachdainnean follaiseach na bàrdachd, agus co-fhaireachdainn a thaobh boireannaich - rud nach robh tric ri fhaicinn ann am bàrdachd san 18mh linn.

Am measg nan cuspairean as cudromaiche a tha a' nochdadh na bàrdachd tha an teaghlach, gnothaichean poilitigeach, cumhachan, laoidhean, agus comhairle do bhoireannaich. Tha beartas de dh' eachdraidh a' nochdadh annta cuideachd, mar eisimpleir, anns na trì pìosan bàrdachd a rinn i air Blàr Sliabh an t-Siorraim.

B' e Alasdair à Gleanna Garadh aon de na h-òrain a b' ainmeil a rinn Sìleas a-riamh, òran a tha air a sheinn chun an là an-diugh:

Alasdair Ă  Gleanna Garadh

Alasdair Ă  Gleanna Garadh,
Thug thu 'n-diugh gal air mo shĂąilibh;
'S beag iongnadh mi bhith trom chreuchdaibh:
'S gur tric gan reubadh Ă s Ăąr iad;
S beag iongnadh mi bhith trom-osnach,
'S meud an dĂąsgaidh th' air mo chĂ irdibh;
Gur tric an t-eug uainn a' gearradh
Rogha nan darag as Ă irde.

Chaill sinn ionann agus còmhla
Sir Dòmhnall 's a mhac 's a bhràthair;
Ciod e 'n stĂ th dhuinn bhith gan gearain ?
Thuit Mac Mhic Ailein sa bhlĂ r uainn;
Chaill sinn darag lĂ idir liathghlas
A chumadh dìon air ar càirdean,
Capall -coille bhĂ rr na giuthsaich,
Seabhag sĂąil-ghorm lĂąthmhor lĂ idir.

Bu tu ceann air cèill 's air comhairl'
Anns gach gnothach am biodh cĂąram,
Aghaidh shoilleir sholta thlachdmhor,
Cridhe fial farsaing mu 'n chĂąinneadh;
Bu tu roghainn nan sĂ r-ghaisgeach,
Ar guala thaice 's tu b'fhiĂąghail;
Leòmhann smiorail fearail feumail,
Ceann feachda chaill Seumas StiĂąbhart.

Nam b' ionann dhut-sa 's do Dhòmhnall,
An uair a chuir e 'n long air muir,
Cha tigeadh tu dhachaigh gu brĂ th
Gun fhios dè 'm fàth às 'n do chuir.
Nuair a chunnacas air an trĂ igh sibh
A bhith gur fĂ gail air faondradh,
Thuit ar cridheachan fo mhulad:
'S lèir a' bhuil - cha robh sibh saogh'lach.

Bu tu 'n lasair dhearg gan losgadh,
Bu tu sgoltadh iad gun sĂ iltibh,
Bu tu curaidh cur a' chatha,
Bu tu 'n laoch gun athadh lĂ imhe;
Bu tu 'm bradan anns an fhìor-uisg,
Fìreun air an eunlaith 's àirde,
Bu tu 'n leòmhann thar gach beathach,
Bu tu damh leathann na crĂ ice.

Bu tu 'n loch nach faoidte thaomadh,
Bu tu tobar faoilidh na slĂ inte,
Bu tu Beinn Nibheis thar gach aonach,
Bu tu chreag nach fhaoidte theĂ rnadh;
Bu tu clach uachdair a' chaisteil,
Bu tu leac leathann na srĂ ide;
Bu tu leug lòghmhor nam buadhan,
Bu tu clach uasal an fhĂ inne.

Bu tu 'n t-iubhar thar gach coillidh,
Bu tu 'n darach daingean lĂ idir,
Bu tu 'n cuileann 's bu tu 'n draigheann,
Bu tu 'n t-abhall molach blĂ thmhor;
Cha robh do dhĂ imh ris a' chritheann
Na do dhligheadh ris an fheĂ rna;
Cha robh bheag annad den leamhan;
Bu tu leannan nam ban Ă lainn.

Bu tu cèile na mnà prìseil,
'S oil leam fhèin d' a dìth an-dràst thu;
Ged nach ionann dhomh -sa 's dhì-se,
'S goirt a fhuair mise mo chĂ radh;
H-uile bean a bhios gun chèile,
Guidheadh i mac Dhè na àite,
O 's E 's urra bhith ga còmhnadh
Anns gach bròn a chuireas càs oirr'.

Guidheam d' anam a bhith sĂ bhailt
O na chĂ radh anns an Ăąir thu;
Guidheam sonas air na dh'fhĂ g thu
Ann ad Ă ros 's ann ad dhĂąthaich:
Gum faic mi do mhac ad Ă ite
Ann an saoibhreas 's ann an cĂąram:
Alasdair a Gleanna Garadh,
Thug thu ' n-diugh gal air mo shĂąilibh.

[ Ó Baoill, Colm Ed., 1972. Bàrdachd Shìlis na Ceapaich. Edinburgh: The Scottish Gaelic Texts Society]

Ěý
air ais


About the 91Čȱ¬ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ěý