91Èȱ¬

Explore the 91Èȱ¬
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


91Èȱ¬ 91Èȱ¬page
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý
An Leth Allt

Òrain às an Sgìre

Bothan Àirigh Am Bràigh Raithneach
Ã’ran le Nighinn Ã’g Da leannan

Gur e m' anam is m' eudail,
Chaidh an dè do Ghleann Garadh:

Fear na gruaige mar an òr
Is nam pòg air bhlas meala.

Is tu as feàrr don tig deise
De na sheasadh air thalamh;

Is tu as feàrr don tig culaidh
De na chunna mi d' fhearaibh.

Is tu as feàrr don tig osan
Is bròg shocrach na barrall:

Còtan Lunnainneach dubhghorm,
Is bidh na crùintean ga cheannach.

An uair a ruigeadh tu an fhèill
Is e mo ghear -sa a thig dhachaigh:

Mo chriosan is mo chìre
Is mo stìomag chaol cheangail.

Mo làimhinne bòidheach
Is deis oir air am barraibh,

Mo sporan donn iallach
Mar ri sgian nan cas ainneamh.

Thig mo chrios à Dùn Èideann
Is mo bhrèid à Dùn Chailleann.

Cuime am bitheamaid gun eudail
Agus sprèidh aig na Gallaibh?

Gheibh sinn crodh às a' Mhaorainn
Agus caoraich à Gallaibh.

Is ann a bhios sinn gan àrach
Air àirigh am Bràigh Raithneach,

Ann am bothan an t-sùgraidh,
Is gur e bu dùnadh dha barrach.

Bhiodh a' chuthag san smùdan
A' gabhail ceòl duinn air chrannaibh;

Bhiodh an damh donn sa bhùireadh
Gar dùsgadh sa mhadainn.

Ìý

[Watson, W.J., 1932. Bàrdachd Ghàidhlig . Inverness: An Comunn Gàidhealach]

air ais


About the 91Èȱ¬ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý