![An Leth Allt](/staticarchive/f46eec30b49970b5e3299a3015fa0ab150ebe659.gif)
![glais Chill Chrìosda](/staticarchive/c6ee6831e5db7442ccb9ef7d98da525784259eef.jpg)
Ailean Dubh à Lòchaidh
Eaglais Chill Chrìosda
© David Greenhalgh
'S e òran gaoil a bhuineas do dh'fhìor thoiseach na 17mh linn a th' ann an Ailean Dubh à Lòchaidh . A rèir choltais, 's ann mu dheidhinn Dòmhnallach à Inbhir Garadh a tha e; fear aig an robh ainm mar dhroch dhuine a bhiodh ri reubadh, a' goid 's a' marbhadh. Ann an sabaid ri Clann 'ic Coinnich an taobh sear Rois, a rèir coltais, mharbh e là n eaglais dhiubh ann an Cille Chrìosd.
Tha e air a rà dh gur e tè de Chlann 'ic Coinnich a rinn an t-òran seo, 's i ann an gaol le Ailean Dubh. Rinn i an t-òran san 17mh linn; à m san robh bana-bhà ird tric gan
dìochuimhneachadh . Tha e coltach gun deach an duine aig a' bhana-bhà ird a mharbhadh san teine, agus a h-athair agus triùir de a brà ithrean. A dh'aindeoin a h-uile cà il a bha sin, sgrìobh i òran mu Ailean Dubh.
Tha e duilich dèanamh a-mach an ann dha-
rìribh a tha i; dh'fhaodadh, ged a thachair na rudan
uabhasach seo, gu bheil i fhathast ann an gaol le Ailean,
no , dh'fhaodadh gur ann a tha i a' feuchainn ri a beatha fhèin a shà bhaladh, le bhith a' toirt a chreidsinn gur e seo a tha i a' miannachadh 's a' smaoineachadh.
Ìý
³§Ã¨¾±²õ³Ù
'S toil leam Ailean Dubh às Lòchaidh,
Mo ghaol Ailean Donn a' chòta;
'S toil leam Ailean Dubh às Lòchaidh.
Ailein, Ailein, 's à it leam beò thu,
Sguab thu mo sprèidh bhà rr na mòintich,
Loisg thu m' iodhlann
choirc' is eòrna,
Mharbh thu mo thriùir bhrà ithrean òga,
Mharbh thu m' athair is m' fhear pòsta.
'S ged a rinn thu siud 's à it leam beò thu.