![Taigh Chomair](/staticarchive/6d8b2005aa615d8130e34b4153fd64ed7e1693b7.jpg)
Taigh Chomair
© Jane & Ian Mure
Tha Taigh Chomair ann an teis mheadhan dùthaich nan
Siosalach. Chaidh an taigh a thogail anns a’ bhliadhna 1740 le Ruairidh,
Ceann-cinneadh nan Siosalach, a bh’ air a bhith an sàs ann
an ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715. Ri linn seo, chaidh am fearann a
bh’ aig na Siosalaich mu thimcheall Srath Ghlais a thoirt bhuapa leis
a’ Chrùn. Fhuair iad am fearann air ais an dèidh do
Ruairidh, agus Seumasaich eile, mathanas fhaighinn sa bhliadhna 1727.
Ann an ar-a-mach 1745, fhad ‘s a bha co-ogha Ruairidh, Alasdair,
a’ sabaid air taobh Chumberland, bhà saich mac Ruairidh, Ruairidh
Òg, agus iomadh Siosalach eile aig Blà r Chùil Lodair.
An turas seo, chùm Ruairidh Siosal sealbh air an fhearann, ged bu
mhòr an dìol a rinn saighdearan Chumberland air muinntir Srath
Ghlais an dèidh a’ bhlà ir.
Tha e air aithris gun deach am Prionnsa Teà rlach tro Srath Ghlais
nuair a bha e a’ teiche chun iar agus gu robh e air falach ann an
uaimh faisg air Fas na Coille, air Oighreachd Cheann na Cròice, far
an robh buidheann de Shiosalaich ga fhrithealadh. A rèir aithris,
fhuair e comraich anns an uaimh seo airson còig là san t-samhradh
1746. Cuideachd, a rèir beul-aithris, thà inig e gu Taigh Chomair
far an deach fhalach ann an seòmar dìomhair – seòmar
air nach robh lorg gus an robhar ag ùr-sgeadachadh an taighe anns
na 1940an!
Tha Taigh Chomair fhathast an ìre math mar a bha e ann an 1740.
Chaidh pìosan a chur ri taobh a-muigh an togalaich ri linn Bhictoria,
agus tha ùrachadh air a bhith ga dhèanamh air an taobh a-staigh
bho na 1940an. Leig na Siosalaich às Taigh Chomair ann an 1937.
Bho dheireadh nan 1940an gu meadhan nan 1960an bha Canaich trang le sgeamaichean
dealan-uisge agus obair coille an dèidh do Choimisean nan Coilltean
Gleann Afraic a cheannach ann an 1951. Airson grunn bhliadhnachan mun à m
seo, bha Taigh Chomair ga chleachdadh mar ath-thaigh de Thaigh-òsta
Ghleann Afraic.
Fhathast, ann an Taigh Chomair, anns an t-seòmar suidhe, chithear
cagailt a bh’ anns an taigh bho thùs, leis a’ bhliadhna
1740 agus na ciad litrichean de dh’ainm Ruairidh Shiosail sgrìobhte
oirre. Aig doras an taighe, tha graffiti inntinneach agus là raich
far an robh claidheamhan-mòra gan geurachadh!
Cagailt ann an Taigh Chomair
© Jane & Ian Mure