![](/staticarchive/39812deb041567177b3357503704c836a40c777d.gif)
![Niall Guinne](/staticarchive/170fd7095dd3f45345ec77a33a26513f929e671d.jpg)
Taigh a' Cheathraimh
Niall Guinne
© Dairmid Gunn
‘S e loidse-seilge a th’ ann an Taigh a’ Cheathraimh.
Tha e suidhichte ann an 12 acair de choille air bruach na h-Aibhne Ghlais,
eadar baile Chanaich agus Tomaich. Tha cuid de na glinn as à lainne
ann an Alba faisg air là imh; Gleann Afraic agus Gleann Canaich nam
measg. An-diugh tha an loidse ga cleachdadh mar à ite-fuirich.
Anns na 1950an, b’ e seo an dachaigh aig an sgrìobhaiche Niall
Guinne. Rugadh e ann an Dùn Beithe air cladach an ear Ghallaibh sa
bhliadhna 1891. Bha e ag obair do Sheirbheis a’ Chusbainn airson 26
bliadhna, cuid mhath dhen ùine sin ann an Taigh-staile a’ Ghlinn
Mhòir ann an Inbhir Nis. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1937 gus
a bhith na sgrìobhaiche là n-ùine.
Thòisich e a’ sgrìobhadh sa bhliadhna 1921, a’
foillseachadh artaigilean agus sgeulachdan goirid. ‘S e an leabhar
Highland River a thug e gu aire dhaoine an toiseach agus sgrìobh
e 27 leabhraichean eadar 1926-1956. Tha leabhraichean mar The Silver Darlings a tha toirt dhuinn dealbh air iasgach a sgadain nuair a bha an obair
sin aig à rd ìre, agus Butchers Broom, stèidhichte ann
an linn nam fuadaichean, a’ ciallachadh gu bheil Niall Guinne air
aon de na sgrìobhaichean bu chudromaiche a bha ann an Alba ri linn.
Tha an obair aige air eadar-theangachadh gu Ruiseanais, Fraingis, Gearmailtis,
Spà innis, Dùitsis, agus an cà nan Seacach. Bha riamh
aithreachas air nach robh GÃ idhlig aige.
Bho chaochail e sa bhliadhna 1973, chaidh còig leabhraichean eile
den obair aig Niall Guinne fhoillseachadh, agus chaidh an Neil Gunn Society a stèidheachadh sa bhliadhna 1985.