![Loch Oich](/staticarchive/d602d8044f942827af96fab92134fa18e848dbff.jpg)
Raibeart
Mac an Rothaich
Loch Oich
© Dominic Moore
An dèidh ìompachadh chaidh Raibeart Mac an Rothaich dhan Cholaiste
ann an Douai, anns an Fhraing, ann an 1663, aig aois 18. Bha e innte airson
còig bliadhna agus an dèidh sin chaidh e dhan Cholaiste Albannaich
anns an Ròimh.
Ged a bha e ag obair gu dìleas airson misean na h-Eaglaise ag ìompachadh
feadh na GÃ idhealtachd 's nan Eilean fad sia bliadhna deug thar fhichead,
bho 1671, b' ann ann an sgìre Rois is Srathghlais bu dìcheallaiche
a bha e. Bha e cho ainmeil ann an sin 's gur e "Abstol Shrathghlais"
a chanadh iad ris.
B' e Mac an Rothaich a' chiad shagart a bhuineadh don Ghà idhealtachd
a chùm a' dol an obair a bha miseanaraidhean Èireannach air
a bhith a' dèanamh sa cheann a tuath.
Ann an 1679 chaidh Mac an Rothaich na shagart-airm, aig inbhe caiptein,
dhan t-strì aig na Dòmhnallaich an aghaidh Iarla Earra-Ghà idheil.
Ged a thug tinneas e gu uchd a' bhà is ann an 1687, bliadhna an dèidh
sin bha e na shagart-airm a-rithist. B' ann còmhla ri arm Iain Ghreumaich, Claverhouse, Morair
Dhùn Dèagh a bha e an turas seo, 's e a' sabaid do Sheumas
VII. Tha h-uile coltas gun robh e ann an arm nan Seumasach nuair a rinn
iad a' chùis aig Coille Chnagaidh.
Bha sagartan air an sgiùrsadh fad na h-ama seo agus bha duais 500
marg air an ceann. Chaidh Mac an Rothaich a chur an grèim trì
uairean agus bha e anns a' phrìosan ann an Dùn Èideann,
Ghent agus Lunnainn. Dh'aindeoin seo thill e air ais dhan Ghà idhealtachd
gu Inbhir Garadh, ann an 1698.
Air an 14 den Fhaoilleach, 1704, chaidh Mac an Rothaich a ghlacadh le saighdearan
ann an taigh faisg air Caisteal Inbhir Garadh, far an robh e tinn le fiabhras.
Ged a bha e suas ann am bliadhnaichean agus lag le tinneas chaidh a shadail
air druim eich agus a ghiùlain chun a' Chaisteil. Chaidh an uairsin
a thilgeil ann an seilear lom far an robh e na laighe dà oidhche.
Chaochail e air an treas oidhche.
Thà inig am fiosrachadh gu h-à ird bho "Robert Munro,
Highland Priest, Who suffered for the Faith on 17th January, 1704."
le John Ritchie.
Ìý