![Obar Itheachan](/staticarchive/fa022dbaffa1fa1538230361d473a20d4c75f964.gif)
![Itheachan](/staticarchive/2854b0d835bdd83c224d0072d1c7adea72ba924b.jpg)
[Comharradh-clèithe: NH 557 355]
Cha robh an t-eòlaiche ainmean Uilleam MacBhà tar là n chinnteach dè bha an t-ainm seo a' ciallachadh ach bha e den bheachd gu faodadh e bhith gu bheil e bhon fhacal bhritheachan, a' tighinn bhon fhacal bri as an t-seann Ghà idhlig Èireannach, a' ciallachadh hill, oir tha bruaich na luiche cas an seo.
Tha am baile beag seo air bruaich an iar Loch Nis, mu thrì mìle an iar-dheas air ceann a tuath na luiche. Ceithir mìle gu deas tha Druim na Drochaid agus Caisteal Urchadain.
Tha mòran de na craobhan ann an Coille Obar Itheachain air tighinn bhon t-seann stoc Ghà idhealach ged a tha Coimisean nan Coilltean cuideachd air craobhan a chur innte. Cheannaich Urras a chaidh a stèidheachadh leis a' choimhearsnachd a' choille ann an 1995 agus tha iad air mòran leasachadh a dhèanamh oirre bhon uairsin.
Tha Katharine Stewart air grunn leabhraichean a sgrìobhadh mun bheatha a bh' aice ann an Obar Itheachan far an robh i a' fuireach air croit bho 1950 gus an do ghluais i gu Inbhir Nis anns a' bhliadhna 2000. Nam measg tha A Croft in the Hills [Stewart, Katharine, 2000. A Croft in the Hills. Mercat ] agus A Garden in the Hills [Stewart, Katharine, 2006. A Garden in the Hills. Mercat].
© David MacLennan