![Loidse Afraic](/staticarchive/76b6a51a423e67a3e64173e9366de77a0d4dbb40.jpg)
Loidse Afraic
© Andrew Watson
Tha Loidse Afraic ann an suidheachadh cho brèagha ‘s a th’
air Ghà idhealtachd, air a cuairteachadh le beanntan à rda,
lochan deà lrach agus na th’ air fhà gail den choille-ghiuthais
a bha aig aon à m a’ còmhdach taobh tuath na h-Alba.
Chaidh an taigh a thogail ri linn Bhictoria do luchd seilge, agus saoilidh
tu gu bheil e na shuidhe air eilean beag aig taobh an ear Loch Afraic. Tha
seallaidhean à lainn mun cuairt, is beanntan Chinn t-Sà ile
rim faicinn chun iar.
Anns an loidse tha seòmar iongantach; seòmar le ballachan
air am peantadh leis an neach-ealain ainmeil, Sir Edwin Landseer.
![Dealbhan Landseer air ballachan na loidse](/staticarchive/13777b7ea7eaffa9a4bc6896d22e17309d91ff2c.jpg)
Dealbhan Landseer air ballachan na loidse
© Andrew Watson
Rugadh an Ridire Edwin Eanraig Landseer (1802-73) ann an Lunnainn ann an
1802, mac don ghrà bhalaiche Iain Landseer. B’ ann bho athair
a dh’ionnsaich e a bhith a’ dealbh bheathaichean. Thòisich
e a’ taisbeanadh anns an Acadamaidh Rìoghail aig aois 13; agus
san aon bhliadhna (1815) fhuair e bonn airgid bho Chomann nan Ealan airson
dealbh a rinn e do shealgair. Mus robh e 16 bha e a’ taisbeanadh gu
cunbhalach san Acadamaidh Rìoghail, ‘s bha daoine a’
sùileachadh mòran bhuaithe san à m ri teachd.
Ann an 1824, chaidh Landseer a dh’Alba airson a’ chiad uair
a thadhal air an Ridire Bhaltair Scott. Thuit e ann an gaol leis a’
Ghà idhealtachd, agus thill e air ais gach bliadhna an dèidh
sin airson dealbhan a dhèanamh, airson sealg, agus airson fois. Chaidh
Landseer a thaghadh mar Shà r-sgoilear sa bhliadhna 1831; b’
e an deichead an dèidh sin a bu shoirbheachail agus bu chruthachail
a bh’ aige na bheatha.
![Sir Edwin Landseer](/staticarchive/a6733a88095d17018d7da73c2729a3e54925e6a3.jpg)
Sir Edwin Landseer
© National Portrait Gallery, London
Ged a chaidh a mholadh airson dealbhan mòra mar Hawking
(1832) agus Scene in the Olden Time at Bolton Abbey (1834), b’
e na dealbhan beaga de choin, leithid Dignity and Impudence
(1839) agus The Old Shepherd’s Chief Mourner (1837) a ghlac
aire an t-sluaigh.
Bha a dhreuchd, inbhe shòisealta, agus a bhith a’ feuchainn
ri luchd-taic a shà sachadh, a’ cur uallach mòr air Landseer.
Sa Chèitean 1840, aig an ìre bu chliùitiche na bheatha,
ghais a shlà inte-inntinn. Ach, a dh’aindeoin trioblaidean pearsanta,
chùm e ri peantadh is mheudaich a chliù.
![Monarch of the Glen le Landseer](/staticarchive/e42f76bf785cb0adf4fc9ea5947363e09819f113.jpg)
Chaidh The Monarch of the Glen a thaisbeanadh sa bhliadhna 1851;
chaidh na leòmhainn aig bonn Cà rn-cuimhne Nelson ann an Ceà rnag
Trafalgar a chruthachadh leis eadar 1859-66. Bha na h-uaislean uabhasach
measail air; a bharrachd air peataichean Rìoghail a pheantadh, leithid
A Favourite Greyhound, the Property of HRH Prince Albert (1841),
rinn Landseer cuideachd Queen Victoria and Prince Albert (1842-46)
agus dealbh den Bhà nrigh Bhictoria nach deach a-riamh a chrìochnachadh.
B’ e Landseer an neach-ealain Sasannach a b’ ainmeil de ghinealach.
Chaidh urram a thoirt dha le tiodhlacadh poblach, agus rath-thiodhlaic ann
an Àrd-eaglais Naomh Pòil ann an Lunnainn.
Monarch of the Glen le Landseer
Ìý
Ìý